91Èȱ¬

Deuchainnean dhrugaichean do luchd na h-iomain

  • Air fhoillseachadh
cluicheadairean camanachd

Thèid cluicheadairean camanachd fo dheuchainnean airson drugaichean air an t-seasan ùr a tha a' tòiseachadh an ath-mhìos.

Bidh bùth-obrach ann oidhche Dhiardaoin a' mìneachadh do sgiobaidhean agus buidhnean camanachd mar a bhios na deuchainnean a' tachairt agus cò air a dh'fheumas cluicheadairean is sgiobaidhean an aire a thoirt.

'S e am buidheann poblach UK Anti-Doping (UKAD) a bhios ga làimhseachadh.

Tha Comann na Camanachd air cùlaibh an atharrachaidh seo agus bidh iadsan a' pàigheadh air a shon.

"Tha greis on a bha iad ag ràdh nach robh airgead no stòras gu leòr aca airson sgeama mar seo a thoirt a-staigh ach tha iad air airgead a lorg," thuirt am fear-naidheachd iomain, Ùisdean MacIllinnein.

"Tha daoine air a bhith a' bruidhinn mu dhèidhinn seo airson bhliadhnaichean.

"'S e comharra a tha seo gu bheil iad a' gabhail uallaich orra fhèin dèiligeadh le triobliad 's dòcha a th' ann.

"'S e pàirt àbhaisteach de spòrs a tha seo far a bheil iomadach spòrs a' cleachdadh dhearbhaidhean mar seo airson a dhèanamh cinnteach gu bheil na cluicheadairean sàbhailte agus falainn a' dol air adhart."

Às aonais leithid de sgeama, tha ceistean air a bhith ag èirigh mun chuspair a rèir Mhgr MhicIllinnein.

"Tha a h-uile duine againn eòlach gu leòr air tachartasan ann an saoghal na camanachd far a bheil ceistean air an togail an robh drugaichean an lùib na cùise.

"Chan eil mi ag ràdh gun robh ann an suidheachadh sam bith, ach tha na ceistean sin air a bhith ag èirigh.

"Tha fios gu bheil drugaichean nan trioblaid anns na coimhearsnachdan far a bheil camanachd ga cluich.

Chan fhaigh na cluicheadairean no na sgiobaidhean fios ro-làimh, agus faodaidh muinntir UKAD nochdadh aig geama sam bith no aig seiseanan trèanaidh gun rabhadh.

Chan eil e soilleir aig an ìre seo dè thachras ma bhios cluicheadair a' diùltadh pàirt a ghabhail ann an deuchainn.