Brogan Hay mar phà irt de Sgioba nam Ban airson a' chiad uair
- Air fhoillseachadh
Bidh an cluicheadair aig Rangers, Brogan Hay mar phà irt de Sguad Ball-coise nam Ban aig Alba airson dà gheama cà irdeil an aghaidh Phanama agus Venezuela.
Cha deach cuid de na cluicheadairean as eòlaiche a thaghadh airson an dà gheama san Spà inn is à rd-chòidse na h-Alba a' cur earbsa ann an cluicheadairean òga an turas seo.
'S iad Jen Beattie, Lisa Evans agus Lana Clelland a tha am measg an fheadhainn nach bi a' cluich.
Thig dithis chluichedairean Glasgow City, Erin Clachers agus Amy Muir, cluicheadair an loidhne dìon aig Hibernian, Leah Eddie agus cluicheadair meadhann na pà irce aig Hearts, Rebecca NicAlasdair uile a-steach nan à ite.
Cluichidh na h-Albannaich an aghaidh Phanama air 12na den t-Samhain agus Venezuela dà là às dèidh sin air an 14mh.
Seo às dèidh do Sgioba na h-Alba call a-mach air à ite aig Cupa na Cruinne 2023 nuair a rinn Poblachd na h-Èirinn a' chùis orra san fharpais dearbhaidh na bu thraithe sa mhìos.