Sgioba na h-Ucrà in a’ toirt togail dhan dùthaich aca
- Air fhoillseachadh
A dh'aindeoin an t-suidheachaidh a th' aca anns an Ucrà in, thug an sgioba ball-coise aca pròis dhaibh aig Pà irce Hampden oidhch' Chiadain an aghaidh sgioba na h-Alba is iad a-niste ceum nas fhaisge air Cupa na Cruinne 2022.
Chuir Andriy Yarmolenko aig an Ucrà in a' chiad tadhal den gheama ro letheach-ùine agus dhùblaich Roman Yaremchuk an sgòr trà th san dà rna leth. Cha robh an aon tadhal aig Alba, a fhuair Calum MacGrìogair, gu leòr airson na h-Ucrà inianaich a ghlacadh, is rinn Artem Dovbyk cinnteach gur e an sgioba aigesan a shoirbhich nuair a chuir e an Ucrà in 3-1 air thoiseach leis a' bhreab mu dheireadh den gheama.
Bha Pà irce Hampden là n dathan an dà dhùthaich mus do thòisich an geama is cuid de luchd-taic na h-Alba le lèintean na h-Ucrà in orra airson dlùth-phà irteachas a shealltainn. Chaidh an dà òran-nà iseanta a sheinn le spiorad agus bha an t-à m ann airson an geama a chluich - geama a bhathar an dùil cluich sa Mhà rt, mus do chuir ionnsaigh na Ruis air an Ucrà in cnap-starra san rathad.
Bhon chiad mhionaid, bha là mh an uachdair aig na h-Ucrà inianaich. Chùm iad greim air a' bhall is iad ga chur mu chuairt na pà irce gu sgiobalta. Nochd ceistean ron gheama mu cruth nan Albannach leis gun robh Kieran Tierney a dhìth. Ach thagh à rd-choidse na sgioba, Steve Clarke, an cruth a bh' aca a thug dhaibh soirbheachas sna geamaichean mu dheireadh - còignear aig a' chùl, triùir ann am meadhan na pà irce agus dithis aig a' mhullach. Cha do dh'obraich e sa gheama seo ge-tà .
Bha aig Craig Gòrdan ri trì no ceithir sà bhalaidhean sònraichte math a dhèanamh sa chiad-leth. Le beagan a bharrachd na leth-uair air a' chleòc, cha robh e comasach dha stad a chur orra. Chuir Malinovskyi ball eagalach math suas a' phà irce agus lorg e Yarmolenko a bha a-nis air cùl loidhne-dìon na h-Alba. Chuir esan am ball thairis air Gòrdan is coltas cho ciùin 's a chì thu air. Bha na h-Ucrà inianaich air thoiseach, 's an luchd-taic aca a' dol às an ciall.
Cha do fhreagair Alba mus do shèid an rèitire an fhideag airson letheach-ùine. Dh'atharraich Steve Clarke an sgioba aige airson an dà rna-leth, is Lyndon Dykes a' tighinn far na pà irce airson cothrom a thoirt do Ryan Christie buaidh a thoirt air a' gheama. Bha e follaiseach gun robh Clarke ag iarraidh barrachd chluicheadairean ann am meadhan na pà irce far an robh na h-Ucrà inianaich a' cumail smachd air cùisean.
Ceithir mionaidean a-steach dhan dà rna-leth, chuir Yaremchuk an sgioba dà thadhal air thòiseach le a cheann às dèidh do Karavaev ball a chur dhan phòsta-chùil. Cha robh na h-Ucrà inianaich a' dèanamh sìon sam bith à raid, ach bha iad a' dèanamh nan rudan sìmplidh fìor mhath gun mòran mhearachdan.
Le beagan a bharrachd na leth-uair air fhà gail, bha e foillaiseach gun do mhothaich Alba gun robh dòchas Cupa na Cruinne a ruighinn am-bliadhna a' dol à sealladh.
Chuir iad cuideam air an Ucrà in airson a' chiad uair sa gheama agus cha mhòr nach do dh'obraich e nuair a thà inig am ball far chois MacGriogair nuair a dh'fheuch am fear-glèidhidh am ball fhaighinn air falbh.
Bha oidhirp air targaid fhathast a dhìth air na h-Albannaich ge-tà .
Còig mionaidean às dèidh sin, thuit an cothrom às fheà rr dha na h-Albannaich do Iain MacFhinn. Shà bhail Bushchan oidhirp bho McTominay agus gun chuideam sam bith, chuir MacFhinn am ball seachad air a' phòsta dheas le a cheann. Cha b' urrainn dha fhèin no luchd-taic na h-Alba creidsinn nach deach e a-steach.
Chùm Alba orra gun mòran soirbheachais agus bha eagal ann gun robh na h-Ucrà inianaich a' dol a dh'fhaighinn an treasamh tadhail den gheama, le cho à rd 's a bha na h-Albannaich suas a' phà irce. A bharrachd air sin, cha robh coltas sgìth air na h-Ucrà inianaich idir, a dh' aindeoin 's nach do chluich an sgioba geama farpaiseach bhon t-Samhain an-uiridh.
Ge-tà , bha cothrom do sgioba Steve Clarke fhathast is deich mionaidean air fhà gail air a' chleòc.
Dh'fheuch MacGriogair oidhirp bho thaobh a-muigh a' bhocsa agus a dh'aindeoin 's gun d' fhuair am fear-glèidhidh là mh air, chùm am ball air a-steach dhan tadhal. Fhuair Stepanenko a chas air ach dhearbh an rèitire gun deach e seachad air an loidhne.
Ge-tà , cha robh cothrom ceart aig Alba an dà rna tadhal fhaighinn agus ùine a bharrachd a chosnadh. Le diogan air fhà gail air a' chleòc, bhrìs na h-Ugrà inianaich suas a' phà irce le astar agus chuir Dovbyk am ball seachad air Gòrdan. Bha an geama seachad.
Thug an sgòr, 3-1 gu na h-Ucrà inianaich, toileacheas, dòchas agus pròis dhan luchd-taic aca ann am Pà irce Hampden agus air feadh an t-saoghail.
Briseadh-crìdhe do luchd-taic na h-Alba is an iomairt fhada aca airson fhaighinn dhan chiad Cupa na Cruinne bho 1998 a' tighinn gu crìch.
"Feumaidh mi ri a rà dh gun robh na h-Ucrà inianaich airidh air an geama sin a bhuannachadh. Bha iad fada na b' fheà rr na Alba air feadh na pà irce. Cha d' fhuair Alba faisg gu leòr orra idir", thuirt Stiùbhart Urchardan a bha mar phà irt den sgioba-aithris air 91Èȱ¬ Radio nan Gà idheal.
"Tha mi a' smaoineachadh gun do chluich Alba math airson 15 no 20 mionaid aig deireadh a' gheama ach bha iad ro anmoch. Ann an dòigh, bha an geama seachad nuair a chaidh an dà rna tadhal a-steach. Agus tadhail gu math dona a chaill Alba a-nochd leis an fhirinn innse."
Bha Calum MacFhearghais mar phà irt den sgioba-aithris cuideachd.
"Bha seo na gheama mhòr agus tha fhios againn uile air sin ach ann am ball-coise, tha agad ri ghluasad air adhart. Sin nà dar a' gheama. 'S dòcha gu bheil cothrom do [Steve Clarke] an aghaidh Armenia airson rudeigin ùr fheuchainn. Rudeigin eadar-dhealaichte. Bha plana B agus plana C a dhìth oirnn a-nochd agus cothrom a th' ann a-nis sin a lorg", thuirt e.