SWPL1: Rangers a' gabhail ceum eile chun an tiotail
- Air fhoillseachadh
Ghabh Rangers ceum eile a ionnsaigh tiotal SWPL1 às dèidh dhaibh a' chùis a dhèanamh air Obar Dheathain 4-0 anns a' chiad gheam aca a-riamh aig Ibrox.
Chunnaic bharrachd na 4,400 luchd-leantainn tadhail bho Sam Kerr agus Kayla McCoy sa chiad-leth agus dà thadhal a bharrachd san dà rna-leth bho Nicola Docherty agus Lizzie Arnot.
Tha e a' ciallachadh gu bheil iad còig puingean air thoiseach air Glasgow City le trì geamaichean ri chluich.
Rinn City cinnteach gun crìochnaich iad san dà rna à ite, air a' char as lugha, is iad a' coisinn à ite ann an Champions Lìog nam ban às dèidh dhaibh buannachadh 2-0 an aghaidh Hearts ann an Dùn Èideann.
Fhuair Charlie Wellings trì tadhail do Celtic an aghaidh Hamaltan far an do chrìochnaich cùisean 6-0 agus bha aon thadhal gu leòr do Thobar na Mà thar airson na trì puingean fhaighinn an aghaidh Spartans.
Chaill Partick Thistle ri Hibernian 2-0, le Michaela McAlonie agus Shannon Leishman a' faighinn nan tadhal.
Air an deireadh-sheachdain seo tighinn, cuiridh Tobar na Mà thar fà ilte air Rangers agus thèid Hibs an aghaidh Hamaltan.
Thèid iar-chuairt dheireannach Cupa na h-Alba a chumail cuideachd far am bi Hearts agus Celtic a' coinneachadh aig Pà irce na h-Eaglaise Brice sa chiad gheama aig 12:00f, agus san dà rna geama, thèid Partick Thistle agus Glasgow City an aghaidh a chèile air an aon phà irce aig 4:30f.