An Snowman Rally a' fàs nas uaine?
- Air fhoillseachadh
Chan eil ìomhaigh uabhasach "uaine" aig ralaidhean chà raichean: carbadan a' reubadh aig astar tro choillteann 's ceò ghrannda às an dèidh.
Tha an Snowman Rally anns an Eilean Dubh airson sin atharrachadh ge-tà .
Bidh e ann air an deireadh sheachdain seo.
'S e an Snowman Rally a' chiad ralaidh chà raichean Albannach den t-seusan.
'S e fear na bliadhna seo a' chiad turas a chaidh a chumail bho thòisich am pandemic.
Bidh e a' tòiseachadh 's a' crìochnachadh sa Bhlà r Dhubh, agus gheibh daoine cothrom na cà raichean fhaicinn ann an Inbhir Pheofharain aig 12:00f Disathairne.
Bidh luchd-amhairc a' tighinn à iomadh à ite airson an tachartais, agus adhbharaichidh sin fhèin truailleadh, a thuilleadh air an truailleadh a tha an cois an spòrs fhèin.
Tha beachd ann gu dearbha, gum bi rèiseadh chà raichean ag adhbharachadh tòrr a bharrachd truaillidh na spòrs sam bith eile.
Chan eil a h-uile daoine den bharail sin ge-tà .
"Dh'fhaodadh tu argamaid a chur gu bheil am beachd sin beagan mì-chothromach," thuirt Pòl Glass, bhon bhuidhinn Carbon Positive Motorsport.
"Mar eisimpleir, thig truailleadh à bhith a' siubhal gu geamaichean ball-coise gach deireadh-seachdain.
"Ach chan eil beachd ann gun toir sin buaidh air an à rainneachd.
"Tha sinne a' feuchainn ri bhith adhartach agus dèiligeadh ris an trioblaid seo bhon bhonn an-à irde.
"Tha sinn a' brosnachadh fharpaiseach, luchd-amhairc agus thachartasan uallach a ghabhail airson seo," thuirt e.
Thà inig a' bhuidheann gu aonta leis an sgioba a tha os cionn an Snowman Rally gus cuid den chà rbon a tha iad a' cruthachadh a chothromachadh.
"Fhuair a' bhuidheann ùr Carbon Positive Motorsport an conaltradh leinn am-bliadhna feuch am biodh ùidh againn an cuideachadh leis an iomairt aca a chur air bhonn, agus ghabh sinn ris an tairgse," thuirt Andy Jardine, bhon Snowman Rally.
"Tha iadsan gu bhith a' cothromachadh a' chonnaidh uile a chleachdas sinn ann an carbadan sà bhailteachd an tachartais," thuirt e.
Tha Mgr Jardine den bheachd nach fhada gus an gluais na cà raichean ralaidh fhèin bho pheatrol gu dealan.
"Chì thu leithid FormulaE agus Extreme E ann an spòrs motor," thuirt e.
"Siud dha-rìribh na deuchainnean an-drà sta airson charbadan dealain, 's tha e a' dol caran math. Tha iad gu math tlachdmhor a choimhead.
"Cha do rà inig sin an ìre sin buileach fhathast le ralaidheadh, ach tha e a' tighinn.
"Tha cà raichean ann a ruitheas gu tur air dealan, agus tha fiù 's fear an Alba, ach chan eil e air fheuchainn ann an coille fhathast," thuirt e.
Tha Mgr Glass ag aontachadh, 's e ag rà dh gur e sin as adhbhar gur e planaichean eadar-amail a th' aca.
"Feumaidh rudeigin drochaid a dhèanamh eadar cà raichean peatroil agus cà raichean dealain ann an spòrs motor ma tha sinn airson diofar a dhèanamh," thuirt e.
"Tha à ite ann gun teagamh do charbadan dealain, ach tha argamaid ann cuideachd, le cà raichean rathaid, gun tig buannachd CO2 nas fheà rr thairis air grunn mhìltean.
"Ach cha bhi cà raichean ralaidh agus cà raichean rèisidh a' dèanamh uiread de mhìltean agus tha iad ann mar thà ," thuirt e.
'S ann bhon t-sluagh a thig uallach air mòran roinnean de ar beatha atharrachadh a thaobh buaidh air an à rainneachd.
A bheil luchd-leantainn ralaidheadh ag iarraidh an spòrs fhaicinn nas uaine?
"Chan eil mi a' smaointinn gur e am prìomh amas a th' aig na drà ibhearan no luchd-leantainn a' bhuaidh a th' aca air an à rainneachd le siubhal a tha iad a' dèanamh 's a h-uile cà il a tha iad a' cleachdadh," thuirt Mà iri Ros.
"Ach tha e air inntinn dhaoine dìreach a bhith rudeigin nas uaine tha mi a' creids'.
"Mar sin tha iad a' toirt nan copannan leotha 's tha iad a' feuchainn gun cus milleadh a dhèanamh air far a bheil iad.
"Tha daoine tòrr nas glaine timcheall air sin.
"Ach leis a' chonnadh 's rudan leis na cà raichean, feumaidh sinn a bhith a' siubhal dhan cho-fharpais.
"Chan eil thu a' smaoineachadh mu dheidhinn. Can am bà t-aiseig. Dè seòrsa connaidh a tha bà t-aiseig a' cleachdadh? A bheil iadsan nas uaine a-nis? Chan eil sinn a' smaoineachadh mu dheidhinn sin idir.
"Tha cus eagail air a' chuid as motha a tha a' dol ann airson rèiseadh smaoineachadh air cus.
"'S an luchd-leantainn tha iad dìreach a' coimhead air adhart ri faicinn nan cà raichean," thuirt i.
Diofar bheachdan mun à m ri teachd ma-tha.
Air an deireadh-sheachdain seo ge-tà , tha daoine dìreach taingeil gu bheil an rèis air tilleadh.
"Bidh mu 90 cà r a' tòiseachadh madainn Disathairne, agus tha feadhainn mhath a' farpais am-bliadhna," thuirt Andy Jardine.
"Tha seann champion na h-Alba DÃ ibhidh Bogie, ann.
"Tha buannaiche 2020 Mìcheal Binnie ann.
"Agus Jock Armstrong, 's feadhainn eile - so tha e teth aig a' mhullach!"