Rinn sinn ùrachadh air ar poileasaidh mu phrìobhaideachd is »åà ³Ù²¹-²ú°ù²¹²ú³ó²õ²¹¾±°ù
Rinn sinn atharrachadh cudromach air ar poileasaidh mu phrìobhaideachd is »åà ³Ù²¹-²ú°ù²¹²ú³ó²õ²¹¾±°ù agus tha sinn airson tuigse a bhith agaibh dè tha sin a' ciallachadh dhuibhse agus dhan dà ta agaibh.
Moladh mòr air Matthew Wright
Rinn manaidsear Ross County, Malky MacAoidh, moladh mòr air an Leòdhasach òg Matthew Wright is e ag rà dh gu bheil e cinnteach gun dèan e tuilleadh adhartais ann am ball-coise.
Shà bhail Wright, 19, puing 'son County an aghaidh Rangers air an deireadh-sheachdain le tadhal anns na diogan mu dheireadh is an geama a' crìochnachadh 3-3.
Ged a thà inig Wright tro shiostam òigridh Chounty, thòisich e aig sgioba an Rubha bho thùs.
A thuilleadh air sin, bha Leòdhasach òg eile, Adam MacFhionghain, air a' bheingidh 'son County Disathairne.
"Tha teaghlaichean Matty is Adam air obair mhòr a dhèanamh, gan drà ibheadh air ais is air adhart is a' dol air aiseagan fad bhliadhnaichean 'son gheamaichean is trèanadh," thuirt Malky MacAoidh.
°ÕÃ ±ô²¹²Ô³Ù
"'S e tòrr a tha sin is tha mi air mo dhòigh 'son Matty.
"Bha e air iasad còmhla ri Brùra is tha e air a bhith a' cur nan tadhal ann an sin. 'S e sin a bhios e a' dèanamh, bidh e a' cur thadhalan.
"Tha tà lant mòr aige fhèin agus Adam agus bidh iad ri chèile, tha mi an dòchas, air a' cheann thall a' cluich 'son Ross County a h-uile seachdain," thuirt e.
Dh'innis MacAoidh gun robh e glè thoilichte leis a' phuing an aghaidh Rangers is mar a chùm an sgioba aige a' dol gu fìor dheireadh a' gheama.
Bidh County a-nise aig an taigh a-rithist an aghaidh Obar Dheathain oidhche Mhà irt.