91Èȱ¬

Cùmhnant proifeiseanta dha eileanach òg eile

  • Air fhoillseachadh
Thomas Brady, Richard Brittain is Matthew Wright.Tùs an deilbh, Ross County
Fo-thiotal an deilbh,

Thomas Brady, Richard Brittain is Matthew Wright.

Dh'innis Ross County gu bheil eileanach òg air ainm a chur ri cùmhnant proifeiseanta leotha.

Chuir Matthew Wright, 16, à Leòdhas, ainm ri cùmhnant dà bhliadhna.

Tha Matthew, a dh'ionnsaich na sgilean ball-coise aige aig sgioba an Rubha, air a bhith còmhla ri County bho 2017.

Aig an dearbh àm, chuir fear òg eile, Thomas Brady, ainm ri cùmhnant ann an Inbhir Pheofharain.

"Tha sinn air ar dòigh Matthew is Thomas fhaighinn fo chùmhnant is 's e rud fìor mhath a th' ann dhuinn òigridh a bhith a' tighinn tron acadamaidh againn is cùmhnantan proifeiseanta fhaighinn," thuirt manaidsear dàrna sgioba Chounty, Richard Brittain.

"Tha Matthew is Thomas air a bhith a' cluich fìor mhath is tha cothrom aca a-nise barrachd ionnsachadh.

"Tha sinn an dòchas gur e ceum a tha seo dhaibh a dh'ionnsaigh a bhith a' cluich sa chiad sgioba," thuirt e.

Tha an naidheachd a' tighinn dìreach mìosan às dèidh dha fear òg eile a chluich dhan Rubha, Dòmhnall Ailig Moireasdan, ainm a chur ri cùmhnant le Caley Thistle.