MacAoidh air a dhòigh
- Air fhoillseachadh
Rinn manaidsear Ross County moladh mòr air an sgioba às dèidh dha na Staggies buannachadh an aghaidh Tobar na Mà thar oidhche Mhà irt.
Chaidh County air thoiseach aig deireadh a' chiad leth ann an Inbhir Pheofharain is Sondre Solholm a' cur a' bhuill dhan lìon aige fhèin.
Bha Tobar na Mà thar co-ionnan tro Jordan Roberts ge-tà , agus 's ann a bha coltas dubhach air cùisean do Chounty nuair a chaidh Jordan Tillson a chur dheth is leth uair a thìde air fhà gail.
Ach b' iad an sgioba le deichnear a chrìochnaich a bu là idire, Regan Charles-Cook le dà thadhal, an dà rna tè bho bhreab-peanais, is County a' soirbheachadh 3-1.
"Tha mi air mo dhòigh", thuirt Malky MacAoidh às dèidh là imh.
"Chuir a' chairt dhearg spionnadh annainn. Às dèidh sin bha coltas cunnartach oirnn a h-uile turas a chaidh sinn suas a' phà irc.
"Thà inig na balaich ri chèile is 's e trì puingean air leth a bh' ann an aghaidh sgioba a tha a' dol cho math san lìog", thuirt e.
Tha County fhathast san 10mh à ite ach tha iad a-nise còig puingean os cionn Dhùn Dè agus seachd air thoiseach aig St Johnstone aig a' bhonn.
Tha na Saints a-nise air naoi geamaichean a chall ann an sreath is am manaidsear, Calum Davidson, ag aideachadh gu bheil iad a-nise "ann an staing mhòr".