Ceangal "cudromach" eadar luchd-taic agus sgioba nà iseanta nam ban
- Air fhoillseachadh
Thuirt prìomh-choidse sgioba ball-coise nam ban aig Alba, Pedro Martinez Losa, gu bheil e airson luchd-taice na sgioba nà iseanta a bhith "moiteil" às an dùthaich aca agus gu bheil aig an sgioba ri ball-coise tarraingeach a chluich airson sin a dhèanamh.
Tillidh Caroline Weir agus Lisa Evans dhan sguad às dèidh dhaibh call a-mach air à ite san sgioba air an t-sreath gheamaichean nà iseanta mu dheireadh leis gun robh iad air an goirteachadh.
Choisinn sgioba na h-Alba 6 puingean an aghaidh na h-Ungaire agus nan Eileanan Fà rach ann an cuairtean dearbhaidh Cupa na Cruinne 2023 air a' mhìos seo chaidh - gam fà gail anns an dà rna à ite sa bhuidhinn dearbhaidh aca, co-ionnan leis an Spà inn.
Às dèidh do Mhartinez Losa triùir chluicheadairean fhà gail a-mach às an sguad a bha an sàs anns na geamaichean mu dheireadh, thuirt e gu bheil e ag amas air an taghadh chluicheadairean aige a dhèanamh nas fharsainge.
"Feumaidh an sgioba nà iseanta a bhith fosgailte do chluicheadair sam bith a tha comasach air cluich dhuinn ge b' e an aois no ciamar a tha cùisean a' dol aig na clubaichean aca".
Cluichidh Alba an aghaidh na h-Ungaire aig Pà irce Hampden air an 22 là den mhìos, agus cuiridh iad fà ilte air an t-Suain ceithir là ithean às dèidh sin ann an geama cà irdeil.