Iomairt ùr do Sgioba Nà iseanta nam Ban
- Air fhoillseachadh
Nì Sgioba Ball-coise nam Ban aig Alba toiseach-tòiseachaidh air na Cuairtean Dearbhaidh de Chupa na Cruinne 2023 oidhche Haoine le Sgioba na h-Ungaire a' feitheamh riutha ann am Budapest.
Bidh Sgioba na h-Alba ag amas air barrachd shoirbheachais fhaighinn na bha aca san iomairt mu dheireadh aca nuair a chall iad a-mach air à ite anns an Fharpais Eòrpaich 2022 an-uiridh.
'S e briseadh-dùil a bh' ann dhaibh leis gun robh cothroman gu leòr aca smachd a chumail air a' bhuidhinn dearbhaidh, ach gu mì-fhortanach, chaill iad puingean a bha deatamach dhan iomairt an aghaidh Phortagail agus na Fionnlainn.
Dh'innis Shelly Kerr gun robh i a' leigeil dhith a dreuchd às dèidh seo, ag rà dh gun robh i airson "ùine gu leòr a thoirt dhan SFA prìomh-chòidse ùr a lorg". Ach bha greis ann mus do thachair sin…
Cha mhòr nach do dh'fhalbh seachd mìosan mus do dh'ainmich an SFA Pedro Martinez Losa mar Phrìomh-chòidse na h-Alba, fear a bha os cionn Sgioba Arsenal nam Ban, às dèidh dha Shelly Kerr an dearbh-dhreuchd fhà gail, agus Sgioba Bordeaux nam Ban anns na bliadhnaichean mu dheireadh.
Tha fios gu bheil Martinez Losa là n eòlais 's e air dà chupa a bhuannachadh le Arsenal agus ball-coise Eòrpach a ghlèidheadh do Bhordeaux, rud nach do rinn an sgioba a-riamh. Saoil an urrainn dha an aon seòrsa shoirbheachais fhaighinn na dhreuchd ùir ge-tà ?
Na bu thrà ithe den mhìos, dh'ainmich Martinez Losa an sgioba aige airson Cuairtean Dearbhaidh Chupa na Cruinne 2023, agus bha coltas caran eadar-dhealaichte air seach mar a bha an luchd-taic an dùil.
Dh'innis Kim Little gun robh i a' leigeil dhith a dreuchd eadar-nà iseanta ron iomairt ùir, agus chan urrainn dha Fiona NicIlleDhuinn no Christie Mhoireach cluich fhathast 's i air a leòn - triùir a tha air a bhith aig cridhe Sgioba na h-Alba thar nam bliadhnaichean.
Cuideachd, bha aig Caroline Weir agus Lisa Evans ri tharraing a-mach às an sgioba le Rachael Boyle agus Jenna Clark air an gairm nan à ite.
Cha bhi Leanne Ross air a' phà irc nà iseanta tuilleadh ach is cinnteach gum bi buaidh aice air an sgioba fhathast leis gun deach a h-ainmeachadh mar phà irt den sgioba-choidsidh aig Martinez Losa.
Tha cluicheadair Inbhir Nis CT nam Ban, Alex Andrews, là n-eòlach air na tha a dhìth air Sgioba na h-Alba anns na geamaichean a tha romhpa.
"'S e sgioba là idir a th' ann, ach the e gu bhith beagan diofraichte oir chan eil Kim little againn airson a' chiad turas!
"Tha Lisa Evans cuideachd air a toirt a-mach… so tha dà ainm mòr againn air an call. Tha mi an dòchas gun seas na nigheanan as ùire suas anns na h-à iteachan aca ge-tà .
"Tha coidse ùr againn so tha sinn gu bhith a' cluiche diofraichte tha mi a' smaoineachadh. Feumaidh sinn am ball a chur dhan lìon airson tòiseachadh gu ceart! Cha robh sinn a' dèanamh sin gu leòr roimhe nam bheachdsa"
Dh'atharraich rud a bharrachd tron t-Samhradh leis gun do dh'innis Buidheann-riaghlaidh Ball-coise na h-Alba gum bi Sgioba nam Ban a' cluich nan geamaichean aca aig Hampden bho seo a-mach, mar phà irt den iomairt a tha an dùil 10% de chluicheadairean proifeiseanta a bharrachd a chruthachadh.
O choinn dà bhliadhna, chluich Alba an aghaidh Siameuca ann an geama-cà irdeil aig Hampden agus nochd 18,555 duine gus Alba fhaicinn.
Shaoileadh tu gun do mhothaich na ceannardan cho mòr 's a chòrdas ball-coise nam ban ri daoine ann an Alba, agus nach e seo ach aon de na h-adhbharan a bh' aca air cùil a' bheachd.
Tha neach-taic Sgioba na h-Alba, Mà iri Anna Chaimbeul, air a dòigh-ghlan gu bheil sgioba nam ban gu bhith stèidhichte aig Hampden.
"Tha mi a' smaointinn gu bheil e dìreach cudromach gu bheil dachaigh aca agus gu bheil fhios againn a-nis ma tha Sgioba na h-Alba a' cluich, gum bu chòir dhaibh a bhith a' cluich aig Hampden.
"Tha iad là n-airidh air a bhith a' cluich dha stèideam mòr mar seo.
"Tha iad air tòrr thoileachais a thoirt dhan dùthaich anns na bliadhnaichean a chaidh seachad, a' faighinn gu na h-Euros agus Cupa na Cruinne ron seo, agus mar sin tha sinn an dòchas gum bi seo a' tachairt a-rithist agus gum bi barrachd a' tighinn a-mach a choimhead air an sgioba"
Cluichidh Sgioba na h-Alba an aghaidh na h-Ungaire oidhche Haoine ann am Budapest sa chiad gheama aca anns na Cuairtean Dearbhaidh de Cupa na Cruinne, agus tillidh iad gus Sgioba nan Eilean Fà rach a chluich aig Hampden oidhche Mhà irt - an dà gheama ri fhaicinn beò air 91Èȱ¬ ALBA.