Cuairt dheireannach na 'clach-mhìle' airson iomain
- Air fhoillseachadh
Thuirt à rd-oifigear Chomann na Camanachd gum bi cuairt dheireannach Chupa na Camanachd Disathairne na clach-mhìle airson na spòrs.
Thèid Ceann Loch Seile an aghaidh Lòbhat sa chuairt dheireannaich san Òban.
Cha robh Cupa na Camanachd idir ann an-uiridh ri linn staing Chovid-19.
B' e sin a' chiad turas bho à m an darna cogaidh nach deach prìomh fharpais na h-iomain a chluich.
Thuirt Derek Keir gur e faochadh a bhios ann dha coimhearsnachd na h-iomain san fharsaingeachd gu bheil a' chuairt dheireannach air ais.
Beatha à bhaisteach
"Tha e dìreach sònraichte gu bheil an geama gu bhith ann is gu bheil dà choimhearsnachd againn an seo a tha air bhìoran mu dheidhinn mun là mhòr.
"'S e clach-mhìle a th' ann dhuinn mar bhuidhinn agus tha sinn fada an comann a h-uile duine is a h-uile cluba a tha air pà irt a ghabhail.
"Le a bhith a-muigh air a' phà irc a' cluich iomain anns na mìosan mu dheireadh, tha iad air ceum mòr a ghabhail a dh'ionnsaigh beatha à bhaistich a bhith air ais nar coimhearsnachdan", thuirt e.
Bidh Lòbhat ag amas air an cupa a bhuannachadh 'son an treas turas is iad air soirbheachadh roimhe ann an 1953 agus 2015.
'S e seo a' chiad turas aig Ceann Loch Seile sa chuairt dheireannaich.
Thèid an geama Disathairne a chraoladh beò air 91Èȱ¬ Radio nan Gà idheal bho 1f agus air 91Èȱ¬ ALBA bho 2f.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh10 An t-Sultain 2021