Cha tèid Pà irc a' Chlaiginn a chleachdadh air an t-seusan seo
- Air fhoillseachadh
Thà inig e am bà rr gum bi aig sgioba a' Ghearasdain ris na geamaichean aca air fad air an t-seusan seo a chluich air falbh bhon taigh.
Tha seo ri linn thrioblaidean le drèanadh aig Pà irc a' Chlaiginn.
Tha trioblaidean air a bhith aca leis a' phà irce fad bhliadhaichean is geamaichean tric air an cur dheth.
Tha e air a-nise am bà rr gun do rinn cuideiginn bhon phoball gearan ri Lìog na Gà idhealtachd an t-seachdain seo chaidh mu staid na pà irce.
Chaidh sgrùdadh a chur air dòigh a fhuair nach robh Pà irc a' Chlaiginn aig ìre.
Riaghailtean
Dh'aidich an Gearasdan aig coinneimh às dèidh là imhe gun robh iad air riaghailtean na lìge a bhristeadh a thaobh is nach robh siostam drèanaidh ceart is èifeachdach aca.
Bha dragh ann cuideachd nach robh an cluba fhèin air innse dha Lìog na Gà idhealtachd mu na trioblaidean.
Chaidh co-dhùnadh gun cluich an sgioba a h-uile geama ann an Lìog na Gà idhealtachd is Cupa na Lìge air an t-seusan seo aig dachaigh na sgioba a tha iad a' cluich.
'S e buille ionmhais a bhios ann dhan chlub, ach cuideachd na buille aig à m nuair a tha siostam pioramaid air tòiseachadh is e a-nis comasach dhan sgioba a bhios aig bonn Lìog na Gà idhealtachd tuiteam gu lìog nas ìosaile.