Tuilleadh gheamannan anns na lìgean ionadail
- Air fhoillseachadh
Tha na farpaisean a' leantainn ann an lìgean Leòdhais agus na Hearadh, an Eilein Sgitheanaich agus Loch Aillse, agus Uibhist agus Bharraigh.
Leòdhas agus na Hearadh
Aig seachd uairean air Oidhche Haoine tha ceithir geamannan gu bhith air an cluich ann an Lìg Leòdhais agus na Hearadh.
Cuiridh Cà rlabhagh fà ilte air a' Bhac agus tha Athletic Steòrnabhaigh gu bhith a' cluich aig an taigh an aghaidh Nis.
Chan eil na Lochan air trì puingean a thogail fhathast agus tha dùbhlan eile ri thighinn a-nochd.
'S iad an Taobh Siar a tha gu bhith nan aghaidh agus iad ag amas air fuireach aig mullach na lìge.
Dìreach air dheireadh orra anns an dà rna à ite tha na Rubha, agus turas acasan dha na Hearadh.
Uibhist agus Barraigh
Ann an Uibhist agus Barraigh, tha dà gheama gu bhith ann eadar Dihaoine agus Disathairne.
Aig leth-uair às dèidh sia Dihaoine, cluichidh Southend an aghaidh Saints an Ìochdair ann an Dalabrog.
Disathairne aig uair feasgar, cluichidh sgioba Èirisgeidh air an lèanaig aca fhèin, agus iad a' cur fà ilte air Barraigh.
Cha chluich Uibhist a Tuath an aghaidh Bheinn nam Fadhla gu Dimà irt.
An Eilean Sgitheanach agus Loch Aillse
A dhaindeoin draghan mu sgapadh Chovid, a tha air buaidh a thoirt air an iomain, tha cairt slà n de gheamannan anns an Eilean Sgitheanach agus Loch Aillse Disathairne.
Anns a' gheama thrà th aig meadhan-là , cluichidh Malaig Gleann Eilg, a tha aig bonn na lìge às dèidh dà gheama.
Tha Caol Àcain air tòiseachadh gu math agus iad air a' chiad dà gheama aca a bhuannachadh.
Aig trì uairean, cuiridh iadsan fà ilte air a' Chaol, a tha air a' chiad dà gheama aca a chall agus a tha aig bonn na lìge.
Aig an aon à m, cluichidh Slèite agus an Srath an aghaidh Junior Phort Rìgh.
Nas anmoiche aig sia uairean, cluichidh Port Rìgh an aghaidh Thaobh Iar-thuath an Eilein Sgitheanaich.