91Èȱ¬

Ceistean mun iomain

  • Air fhoillseachadh
Pàirc a' Bhucht

Tha ceistean ann mu sheusan na h-iomain agus sreath de gheamaichean air an cur dheth aig an deireadh-sheachdain ri linn Chovid-19.

Chaidh toileachas a dhèanamh is iomain nam ban air tilleadh.

Chaidh ceithir de na sia geamaichean air a' chlàr air adhart is nam measg an t-Eilean Sgitheanach a' soirbheachadh 5-0 an aghaidh Ghleann Garadh.

Ann an iomain nam fear ge-tà, dh'fhàg suidheachadh Chovid gun deach còig geamaichean deug a chur dheth is gun ach sia a' dol air adhart.

°äù¾±²õ±ð²¹²Ô

Le cùisean den Choròna-bhìoras ag èirigh air feadh na dùthcha is cha mhòr 200 cùis ùr air a' Ghàidhealtachd aig an deireadh-sheachdain, tha ceistean ann mu chlàr nan geamaichean anns na seachdainnean ri tighinn.

Coinnichidh comataidh farpais Chomann na Camanachd Diluain gus beachdachadh air gnothaichean.

Thàinig rabhadh bho eòlaiche na h-iomain, an Dr Ùisdean MacIllinnein, gum faodadh connspaid mhòr a bhith air fàire.

"Tha fo-lagh ùr air tighinn a-staigh ann an dòigh gun fhiosta dha na sgiobaidhean, chan eil fhios 'am an do thuig iad fhathast", thuirt an Dr MacIllinnein.

"Ma tha sgioba sam bith ann am farpais ag adhbharachadh geama a chur dheth, tha iad a' call a' gheama is tha an sgioba eile a' dol air adhart. Chan eil cothrom eile gu bhith aca an geama sin a chluich.

"Tha sin gu bhith gu math connspaideach. Can thusa gum biodh adhbhar ann Baile Ùr an t-Slèibh tarraing a-mach à Cupa na Camanachd le Covid agus sgioba eile a leigeil troimhe: bhiodh creach uabhasach ann agus tha e gu bhith uabhasach connspaideach.

"Ach mura faigh iad ach air cho beag seo gheamaichean, tha e a' togail cheistean a bheil adhbhar ann", thuirt e.