Puing aig na h-Euros, agus puing air a dearbhadh
- Air fhoillseachadh
Chan ann tric a bhios neach-taic a' fà gail geama às aonais tadhal le gà ire mòr air aodann, ach 's iomadh gà ire a bha ri fhaicinn air aodainn an airm-thartain aig Wembley a-raoir.
Chluich gach cluicheadair aig Steve Clarke le cridhe agus gliocas airson puing fhaighinn an aghaidh Shasainn anns an 115mh geama eadar an dà sgioba. Leis an sin, thèid Alba dhan gheama mu dheireadh aca ann am buidhinn D an aghaidh Chroà tia Dimà irt agus cothrom aca faighinn troimhe dhan ath-chuairt de dh'Euro 2020.
'Sasainn a' dùileachadh, ach Alba dòchasach.' Sin mar a mhìnich am fear-naidheachd Torcuil Crichton cùisean ron a' gheama, agus ged nach robh ach beagan 's 20,000 neach anns a' phà irc airson fà ilte a chur air na sgiobaidhean aig toiseach a' gheama, chluinnear fuaim bhon luchd-taic a bha na bu choltaiche ri à ireamh gu math nas motha. Bha dòchas nan Albannach ri chluinntinn agus bhiodh e an uairsin ri fhaicinn.
Seinn, fideadh agus èigheachd bho ghach taobh…bha seo na shà r dheagh thaisbeanadh den nà imhdeas as sine ann am ball-coise eadar-nà iseanta. Ach, 's e am fear as òige aig na h-Albannaich a las an t-seann gheama seo suas.
Bha an geama seo farpaiseach agus sradagach bhon toiseach. Bha Callum MacGriogair agus John McGinn air an cumail trang - a' ruith thall 's a bhos agus a' dèanamh cinnteach nach robh ùine aig Sasainn greim ceart fhaighinn air meadhan na pà irce.
Bha cothrom aig Sasainn meadhanach trà th anns a' gheama le John Stones air deireadh ball-oisein dhan bhogsa, ach thà ining oidhirp bho cheann far a' phuist. Beag air bheag, bha Alba gan stèidheachadh fhèin anns a' gheama, le fear òg aig Chelsea Billy Gilmour a' cluich aig ìre a bha a' cur an cuimhne leithid Xavi neo Andrés Iniesta bho shà r sgiobaidhean Bharcelona.
Aotrom air a chasan, comasach air an geama a leughadh…b'e seo sà r gheama bho shà r chluicheadair.
Thà inig Alba iad fhèin gu math faisg air tadhal dà thuras anns a' chiad leth. As dèidh ball dhan bhogsa bho Stephen O' Donnell, bha oidhirp ach Ché Adams air an tadhal, ach bha Stones eadar e agus an targaid.
Bha O' Donnell a-rithist aig meadhan chùisean agus esan a' sadail volley air an targaid. Rinn Jordan Pickford aig Sasainn gu math airson oidhirp a chumail a-mach. As dèidh 45 mionaidean, cha robh dad eadar na sgiobaidhean seo.
Anns an dà rna leth dh'fheuch Sasainn barrachd cuideim a chur air Alba. Thà inig oidhirpean bho Reece James agus Mason Mount. Gach turas, sheas balla na h-Alba ri na thà inig bho ghunnaichean Shasainn.
Ged a bha Gilmour, McGinn agus MacGriogair a' cluich gu math anns a' mheadhan, bha loidhne-dion na h-Alba nan gaisgich cuideachd. Le Scott McTominay air ais anns an loidhne dion, Grant Hanley a' buannachadh a h-uile dùbhlan agus Kieran Tierney a' tilleadh le chomasan dion agus le chomasan ionnsaigh, bha Alba là idir aig a' chùl. Chuir Anndra Robasdan agus O' Donnell ri cluich na sgioba gu mòr air na cliathaichean.
Cha b'e seo geama a bha a' còrdadh ri rionnagan Shasainn. Cha deach an là le Raheem Sterling agus a shùilean a' coimhead suas dha na speuran gach turas a bha am ball air a ghoid bho chasan le Albannach. Cha do rinn Jack Grealish an diofar a bhiodh Gareth Southgate ag iarraidh nuair a thà inig e air. Agus Harry Kane? Cha do bhean e ris a' bhall ach 19 tursan anns a' gheama air fad.
Bha cothroman aig Alba an geama seo a bhuannachadh anns an dà rna leth cuideachd. Thuit am ball air beulaibh Adams anns a' bhogsa a-rithist ach cha b' urrainn dha a chasan a chur ceart airson oidhirp fhaighinn air an targaid. As dèidh breab-oisein, dh'fheuch Lyndon Dykes air an targaid ge-tà . Rinn Reece James fìor mhath airson am ball a stad air an loidhne le cheann.
Thà inig an geama seo gu crìch mar a thòisich e, le cuirp gan sadail fhèin air beulabh a' bhuill. Mu dheireadh, cha robh tadhal ri fhaicinn anns a' gheama seo, ach rinn Alba an gnothach air a dhol gu Wembley agus ball-coise na h-Alba a riochdachadh ann an dòigh a thug freagairt dha na cà inidhean a bhios tric ri chluinntinn mun gheam ann an Alba.
Agus leis an sin, tillidh Alba gu Pà irce Hampden Dimà irt agus fios aca dè dh'fheumas iad a dhèanamh. Bheir trì puingean an aghaidh Chroà tia cothrom do dh'Alba faighinn troimhe. Eatorra bidh an leithid Luka Modrić, Ivan Perišić agus Ante Rebić. Ach air beulaibh Chroà tia bidh Kieran Tierney, Anndra Robasdan agus Billy Gilmour.