91ȱ

Aon anail ron leum dhan uisge

  • Air fhoillseachadh
Bliadhna nas fhadalaiche na bha dùil, tha na h-Euros an seoTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Bliadhna nas fhadalaiche na bha dùil, tha na h-Euros an seo.

Bliadhna nas fhadalaiche na bha dùil, tha farpais Euro 2020 air tòiseachadh. Le bhith a' sracadh na Tuirc às a chèile le trì tadhail gu neoni anns a' chiad gheam den cho-fharpais, sheall sgioba na h-Eadailt cho cunnartach 's as urrainn dhan mhuir seo a bhith do sgiobaidhean nach eil deiseil airson stuaghan mòra agus sruth làidir.

Seo far am bi an t-iasg mòra a' snàmh agus feumaidh feadhainn a tha ùr aig an ìre a tha seo fàs cleachdte ris gu luath. Às dèidh 23 bliadhna air falbh bho cho-fharpais eadar-nàiseanta, tha sgioba na h-Alba air fad a' nochdadh anns an leithid de cho-fharpais airson a' chiad uair. Bidh aig gach fear dhiubh ri dhearbhadh gum buin iad ris an ìre seo.

'S ann an aghaidh Phoblachd nan Seic aig Jaroslav Šilhavý a chluicheas na h-Albannaich anns a' chiad gheam aca aig Hampden air feasgar Diluain. Thachair na sgiobaidhean anns an aon àite anns an Dàmhair an-uiridh ann an lìg nan dùthchannan.

Tùs an deilbh, SNS
Fo-thiotal an deilbh,

Fhuair Ryan Friseal an aon tadhal an aghaidh Phoblachd nan Seic nuair a thachair na sgiobaidhean anns an Dàmhair.

'S e an tadhal aig Ryan Friseal a rinn an diofar air an oidhche sin agus Alba a' buannachadh le aon tadhal gu neoni. A dh'aindeoin sin, bha barrachd dhen bhall aig na h-aoighean agus barrachd chothroman cuideachd. Chuir Tomáš Souček cothrom a bha còir aige a chuir dhan lìn seachad - a' ciallachadh gur iad na h-Albannaich a thogadh na puingean.

Bidh aig Alba ri greim nas fheàrr fhaighinn den a' gheam an turas seo airson dèanamh cinnteach gun tòisich iad gu math anns a' gheam anns a bheil an cothrom as fheàrr aca ann am Buidheann D puingean fhaighinn.

Tha Poblachd nan Seic a' tarraing ghunnaichean mòra ge-tà. Ged nach do lorg e an lìon an turas mu dheireadh an aghaidh nan Albannach, tha Souček a' tighinn bho sheusan air leth soirbheachail aig West Ham. Tha e fhèin agus Patrik Schick aig Bayer Leverkusen - a fhuair naoi tadhail ann an 29 geamaichean anns a' Bhundesliga air an t-seusan a chaidh seachad - comasach air an lìon a lorg. Bidh iad nan deuchainn do loidhne-dìon na h-Alba.

Tùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Tachraidh Sasainn agus Alba aig Wembley anns an dàrna geama aig na sgiobaidhean aig na h-Euros.

Ma gheibh Alba na trì puingean an aghaidh Phoblachd nan Seic, thèid iad a chluich Sasainn aig Wembley ann an deagh shunnd. Mura buannaich, thèid iad a Lunnainn agus iad fìor fheumach air puingean. Dùbhlan gu dearbha, ach chan e dùbhlan a dh'fheumas a bhith na chnap-starra do dh'Alba.

Tha teagamhan aig Sasainn fhathast mu Raheem Sterling agus ceistean ann mu cho deiseil 's a tha e airson farpais mhòr às dèidh miosan air a leòn. Cha do rinn e an diofar do Mhanchester City an aghaidh Chelsea ann an cuairt deireannach an Champions League a bha Pep Guardiola ag iarraidh. Am bi e fut gu leòr airson nochdadh aig àirde a thàlantan aig na Euros? 'S dòcha gum faigh Alba a-mach.

Bidh Harry Kane ag amas air tiotal eadar-nàiseanta a bhuannachadh às dèidh seusan eile gun chupa le Spurs, agus tha cluicheadairean a nochdas mun cuairt air - an leithid Jack Grealish aig Aston Villa agus Marcus Rashford aig Manchester United - a' bhios cuideachd acrach airson glòir air an àrd-ùrlar eadar-nàiseanta.

Le 20,000 neach-taic gu bhith aig Wembley airson a' gheam eadar na seann nàimhdean, bidh spionnadh a' tighinn bho na cliathaichean airson an dà sgioba anns a' chaibideil às ùire den leabhar as fhaide ann am ball-coise eadar-nàiseanta air fad.

Tùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Croàtia an dòchas gun nochd Šime Vrsaljko aig Atlético Madrid aig àirde a chomasan.

Anns a' gheam mu dheireadh aca ann am Buidheann D tillidh Alba gu Hampden a chluich an aghaidh Chroàtia - an sgioba a chaill an aghaidh na Frainge ann an cuairt dheireannach Chupa na Cruinne ann an 2018. Tha a' mhòr chuid den sgioba a rinn an gnothach air faighinn cho fada anns an Ruis fhathast an sàs, ged a tha cuid dhiubh a-nis air an taobh cheàrr de 30.

Chan eil Mario Mandžukić aig aghaidh na sgioba tuilleadh, ach tha gu leòr aig Andrej Kramarić aig Hoffenheim, gaisgeach sgioba Mhilan ann an Serie A Ante Rebić, agus aig Ivan Perisic aig Internazionale airson cron adhbharachadh do sgioba sam bith aig na h-Euros.

'S iad Luka Modric aig Real Madrid agus Šime Vrsaljko aig Atlético Madrid air am bi spiorad na sgioba seo a' crochadh, ach tha fear aig Atleti air a' mhòir-chuid den t-seusan a chaidh seachad a chall. Ach Modric aig aois 35 bliadhna? Fhathast cho geur 's a bha e a-riamh. Bidh geama gu math doirbh aig an fheadhainn a-nochdas do dh'Alba ann am meadhan na pàirce.

Trì geamannan an aghaidh trì sgiobaidhean eadar-dhealaichte. Ach chan e cnag na cùise do dh'Alba mar a chluicheas rionnagan nan sgiobaidhean eile buileach idir. Bidh luchd-naidheachd anns na trì dùthchannan a chluicheas Alba a' coimhead air neartan na h-Alba anns an aon dòigh 's a bhios na h-Albannaich a' dèanamh air na sgiobaidhean aca-san.

Cha ghabh sgioba na h-Alba ach aon anail eile ro thoiseach na h-Euros aca, ach tha comasan aca snàmh gu làidir còmhla ris na gillean mòra a bhios còmhla riutha.