MacAoidh air gluasad gu Hibs
- Air fhoillseachadh
Tha Daniel MacAoidh air ainm a chur ri cùmhnant ceithir bliadhna le Hibs.
Bha sgioba Dhùn Èideann air aonta a dhèanamh le Caley Thistle mar-thà 'son MacAoidh a cheannach.
Ghlac MacAoidh, 20, aire dhaoine an toiseach nuair a bhrist e a-steach do sgioba Inbhir Nis mar dheugaire.
Aig 16, b' e an cluicheadair a b' òige a bh' aig Caley Thistle a-riamh agus am fear a b' òige a chuir tadhal dhan sgioba.
Às dèidh dha a bhith air iasad le Eilginn air an t-seusan seo chaidh, tha MacAoidh air togail air le ICT anns na mìosan a chaidh seachad is gu h-à raidh às dèidh do Neil McCann an stiùir a ghabhail ann an Inbhir Nis.
Thuirt MacAoidh gu bheil fadachd air tòiseachadh le Hibs.
¶Ùù²ú³ó±ô²¹²Ô
"Tha Hibs am measg nan sgiobaidhean as motha ann an Alba agus tha mi an dòchas duaisean a bhuannachadh an seo.
"Bha mi aig Inbhir Nis bhon a bha mi nam bhalach, thà inig mi tron sgioba òigridh is tha mi air eòlas fhaighinn sa chiad sgioba, is tha mi deiseil a-nise 'son dùbhlain ùir.
"Tha mi gam fhaicinn fhèin mar Mhà rtainn Boyle, mar dhuine luath air a' chliathaich is tha mi an dòchas gun urrainn dhomh cur ris an sgioba agus tadhal no dhà fhaighinn cuideachd", thuirt e.
Thuirt à rd-choidse Hibs, Jack Ross, gu bheil e fìor thoilichte MacAoidh a thoirt a Lìte.
"'S e an t-amas againn an seo cluicheadairean òga tà lantach Albannach a lorg gus an sgioba a neartachadh", thuirt Ross.
"Tha Daniel luath, là n spionnaidh agus bidh e a' cruthachadh agus a' cur thadhal.
"Tha sinn air ar dòigh gu bheil e an seo", thuirt e.