Oidhche mhòr an Inbhir Pheofharain
- Air fhoillseachadh
Cluichidh Ross County an geama as motha aca den t-seusan thuige seo oidhche Chiadain nuair a thig Hamilton Accies a dh'Inbhir Pheofharain.
Tha County a' dol a-steach dhan gheama san 10mh à ite, trì puingean os cionn Accies a th' aig a' bhonn is puing air thoiseach air Cill Mheà rnaig san 11mh à ite.
Thèid Cill Mheà rnaig fhèin an aghaidh St Mirren oidhche Chiadain. Nan cailleadh iadsan is nam faigheadh County na trì puingean, bhiodh na Staggies sà bhailte sa Phrìomh Lìog is geama fhathast ri chluich.
Ach nan rachadh gnothaichean an aghaidh Chounty an aghaidh Accies is nam faigheadh Killie dad idir bho St Mirren, 's ann a bhiodh sgioba Iain Hughes aig a' bhonn a' dol dhan là mu dheireadh.
Casg
Bidh Hughes fhèin a' coimhead bhon stand is e air a chasg bho oir na pà irce 'son a' gheama seo agus an geama mu dheireadh air falbh an aghaidh Tobar na Mà thar Didòmhnaich.
Tha seo às dèidh dha ìrean rèitearachd a chà ineadh.
Tha à rd-choidse Accies, Brian Rice - a dh'obraich còmhla ri Hughes roimhe aig grunn sgiobaidhean - san dearbh shuidheachadh is esan cuideachd air a chasg.
Thuirt Hughes nach eil e an dùil gun toir seo buaidh ro mhòr air cùisean.
"Leis nach eil luchd-taic ann, cha creid mi gun dèan e mòran diofair", thuirt Hughes.
"Cluinnidh na cluicheadairean sinn is bidh e comasach fhathast an coidseadh", thuirt e.
Tha dùil aig luchd-taic ri oidhche dhoirbh.
"Chan e geama à bhaisteach ball-coise a bhios ann", thuirt Calum McConnell, a tha a' leantainn na Staggies.
"Sabaid"
"'S e beagan de shabaid a tha gu bhith ann eadar an dà sgioba feuch na puingean a ghlèidheadh.
"Tha Ross County air na geamannan a bhuannachadh aig Hamaltan, is nuair a thà inig Hamaltan suas gu Inbhir Pheofharain anns an Dùbhlachd bhuannaich iadsan.
"John Hughes, 's e aon de na faclan a tha esan a' cleachdadh anns a h-uile agallamh às dèidh nan geamannan 's e consistency.
"Bhuannaich sinn an geama mu dheireadh is tha mi 'son an consistency sin fhaicinn", thuirt e.
Bidh mionaid de shà mhchar ann ron gheama mar chuimhneachan air Stiùbhart MacIllinnein nach maireann.
Chluich Mgr MacIllinnein dha na Staggies is chum e taic mhòr ris a' chluba às dèidh sin.