An caothach dearg air McCann
- Air fhoillseachadh
Thug manaidsear eadar-amail Chaley Thistle slaic air an rèitire is geama iongantach eadar Inbhir Nis is Dùn Dè air crìochnachadh 1-1.
Chaidh Inbhir Nis sìos gu naoinear mus deach iad air thoiseach le dìreach beagan mhionaidean air fhà gail.
Fhuair Dùn Dè tadhal air ais ge-tà , gus puing a shà bhaladh.
Bha an geama co-ionnan gun tadhal aig leathach-slighe ach chaidh an ceòl air feadh na fìdhle san leth uair mu dheireadh.
Dearg
Chaidh Scott Allardice an toiseach a chur dheth às dèidh 64 mionaidean 'son ionnsaigh air Charlie Adam.
Le beagan is deich mionaidean air fhà gail, dh'fhalbh Brad MacAoidh cuideachd is an rèitire, Mike Roncone, a' co-dhùnadh gur e cà irt dhearg a bh' ann am mar a chaidh MacAoidh an sàs air Max MacAnndrais.
Sa mhionaid cha mhòr chuir Jason Cummings am ball ann an lìon ICT ach bha am bratach suas na aghaidh.
Bhrist Daniel MacAoidh an uairsin seachad air loidhne-dìon Dhùn Dè gus an naoinear a chur air thoiseach 1-0 is sia mionaidean air fhà gail.
Shà bhail Lee Ashcroft Dùn Dè ge-tà le tadhal le cheann bho bhreab-oisein.
1-1 aig a' cheann thall is Dùn Dè fhathast san treas à ite is ICT sa chòigeamh à ite, aon phuing air cùl Dhùn Phà rlain san à ite play-off mu dheireadh.
Ach às dèidh oidhche cho là n connspaid, 's beag an t-iongnadh nach robh Neil McCann air a dhòigh às dèidh là imh.
"Tha mi uabhasach crosta is tha mi feargach", thuirt McCann.
"Tha mi a' smaointinn gu bheil an rèitire air dà cho-dhùnadh gu math truagh a dhèanamh is gu bheil sin air a dhol nar n-aghaidh.
"Nì sinn tagradh an aghaidh nan cairtean dearga", thuirt e.
Spiorad
Crìochnaichidh Inbhir Nis seusan na lìge le turas a Dhùn Èideann an aghaidh Hearts Disathairne is an geama mu dheireadh aca an uairsin air a' Ghà idhealtachd an aghaidh Ayr United seachdain Dihaoine.
Bidh iad ag amas air sia puingean is gun leig Dùn Phà rlain às puingean an aghaidh Obar Bhrothaig is Alloa.
Tha Neil McCann fhathast dòchasach gun tèid aig an sgioba aige air na play-offs a ruighinn.
"Tha mi cho moiteil oir sheall sinn spiorad air leth. Bha sinn fhathast a' feuchainn ris a' gheama a bhuannachadh ged nach robh againn ach naoinear.
"Tha dà gheama mòr againn is ma sheallas sinn an spiorad seo a-rithist, bidh cothrom air leth againn an dà gheama a bhuannachadh", thuirt e.