Seusan Lìog na Gà idhealtachd seachad
- Air fhoillseachadh
Dhearbh Lìog na Gà idhealtachd gu bheil seusan 2020/21 seachad is gun deach an tiotal a thoirt do Bhrùra.
Thuirt iad nach robhas a' faicinn gun gabhadh an lìog a thoirt gu ceann ann an à m 'son ùine fhà gail mar ullachadh 'son seusan 2021/22.
Ged nach robh Lìog na Gà idhealtachd air cur rompha seusan slà n a chluich, cha robh sgioba sam bith air barrachd na trì geamaichean a chluich nuair a stad an lìog ri linn Covid-19 san Fhaoilleach.
Cha robh Strathspey Thistle air geama a chluich idir.
Bha Brùra am measg ghrunn sgiobaidhean a bh' air na geamaichean uile a chluich iad a bhuannachadh, is na Cataich cuideachd air barrachd thadhal a chur na sgioba sam bith eile.
Uallach
'S e as coireach gu ìre mhòir gun do rinn iad an gnothach 10-0 air a' Ghearasdan ann an aon de na trì geamaichean a chluich iad.
Ach leis mar a bha Brùra aig mullach na lìge nuair a chaidh a stad an-uiridh is nach d'fhuair iad cothrom farpais 'son à ite san SPFL, bidh moran den bheachd gur e ceartas a th' ann gu bheil an tiotal aca a-rithist.
Thuirt Lìog na Gà idhealtachd ann am brath gun robh iad a' cur Brùra air adhart mar an tagraiche aca 'son gheamaichean play-off an SPFL.
Chaidh innse Dimà irt cuideachd gu bheil Kelty Hearts, a bha san dearbh shuidheachadh ann an Lìog na Galldachd an-uiridh, a' faighinn tiotal na lìge sin 'son 2020/21 cuideachd.
Bidh uallach a-nise air an SPFL aontachadh gun cluich Brùra is Kelty geamaichean play-off, leis an sgioba a bhuannaicheas a' dol an aghaidh na sgioba aig bonn Lìog 2 'son à ite san SPFL.