McCann a' gabhail an stiùir aig ICT
- Air fhoillseachadh
Tha Neil McCann air an stiùir a ghabhail mar mhanaidsear eadar-amail Chaley Thistle Inbhir Nis.
Dh'fhoillsich an cluba an t-seachdain seo gu bheil Iain Robasdan air fòrladh sònraichte agus bàs air a bhith san teaghlach aige.
Bha McCann roimhe na mhanaidsear air Dùn Dè. Dh'fhà g e Pà irce Dens ann an 2018 is an sgioba aig bonn na Prìomh Lìge.
Tha e a' tighinn gu Inbhir Nis is Caley Thistle san t-siathamh à ite san Championship às dèidh dhaibh a bhith co-ionnan 2-2 ri Alloa oidhche Mhà irt.
Ged a thòisich Inbhir Nis na b' fheà rr, chaidh Alloa air thoiseach le Ray Grannd a' gabhail brath air mearachd bho ICT gus ball math a stiùireadh troimhe gu Innes Camshron a chaidh timcheall air Mark Ridgers mus do chuir e am ball dhan lìon.
B' e 1-0 a bh' ann aig leathach slighe.
Bha barrachd den bhall aig Inbhir Nis san dà rna leth, ged a bha cothrom mòr aig Ailean Trouten aig a' phost chùil Alloa a chur 2-0 air thoiseach, cothrom nach do ghabh e.
Dìreach nuair a bha coltas ann nach robh ICT gus faighinn air ais dhan gheama, chuir Wallace Duffy tadhal air leth le trì mionaidean deug air fhà gail, a' lùbadh a' bhuill seachad air Neil Parry bho astar.
Cha mhòr sa mhionaid b' e 2-1 a bh' ann. Rinn Myles Storey obair mhath air a' chliathaich mus do chuir e am ball dhan mheadhan far an robh Seumas Keatings ann gus a stiùireadh seachad air Parry.
Bha cothrom an uairsin aig Inbhir Nis an geama a chur às an t-sealladh is breab-peanais ga thoirt dhaibh is an rèitire den bheachd gun deach am ball a là imhseachadh sa bhocsa, co-dhùnadh a dh'fhà g Alloa rudeigin mì-thoilichte.
Dh'fhaillich air Storey an cothrom a ghabhail is Parry a' daibheadh gus am ball a chumail a-mach.
Thug sin dòchas do dh'Alloa is shà bhail iad puing anns na mionaidean mu dheireadh. Chaidh Jon Robasdan a leagail sa bhocsa le Cameron Harper, is chuir Trouten am breab-peanais dhan lìon.
2-2 aig a' cheann thall is ICT suas dhan t-siathamh à ite is Alloa fhathast aig a' bhonn.
Bidh a' chiad gheama aig Neil McCann ann oidhche Haoine le Hearts, far an do chluich e fhèin uaireigin, a' tighinn chun na Gà idhealtachd.