Lìog na Gà idhealtachd a' stad
- Air fhoillseachadh
Tha Lìog na Gà idhealtachd am measg na bhios na tà mh 'son trì seachdainean co-dhiù is ball-coise na h-Alba fo ìre an Championship a' stad ri linn Chovid-19.
Bheir an casg buaidh air Lìog 1 is Lìog 2 san SPFL is air SWPL 1 is SWPL 2 ann am ball-coise nam ban.
A bharrachd air sin, sguiridh geamaichean ann an Lìog na Gà idhealtachd is Lìog na Galltachd, is ann an Lìogan Taobh Sear, Siar agus Ceann a Deas na h-Alba, agus na lìogan Junior.
Tha an casg cuideachd a' toirt a-steach Lìog Cailleanach a' Chinn a Tuath, a bha air innse mar-thà gun robh iad a' stad fad mìos co-dhiù air sgà th Chovid-19.
Thèid an casg a chur an sàs aig meadhan-oidhche Diluain.
Tha a h-uile geama eile ann an Cupa na h-Alba san Fhaoilleach dheth.
Deuchainnean
Ged a tha cead aig clubaichean an Championship cumail a' dol, bidh aca ri deuchainnean a dhèanamh gu cunbhalach.
Bha deuchainnean a' dol air adhart mar-thà sa Phrìomh Lìog.
"Bheachdaich sinn air cùisean a thaobh slà inte poblaich is iarrtas an Riaghaltais gus siubhail agus measgachadh a lùghdachadh, is aig an aon à m le sùil air cùmhnantan a tha a' cumail ball-coise proifiseanta a' dol a dhìon", thuirt an SFA.
"Às dèidh dhuinn coinneachadh ri Riaghaltas na h-Alba, dh'aontaich sinn ball-coise fon Championship a stad gu h-eadar-amail, a' toirt a-steach lìogaichean sa phioramaid a tha gu ìre mhòir pà irt-ùine", thuirt iad.
Dh'innis an SPFL fhèin gu bheil iad a' cur taic ris a' cho-dhùnadh.
Thuirt an SFA gun dèan iad fhèin is Riaghaltas na h-Alba measadh air an t-suidheachadh gach seachdain.