Cothrom gleans a chur air seachdain shoirbheachail do dh’Alba.
- Air fhoillseachadh
Às dèidh soirbheachadh ann an Serbia agus faighinn gu na farpaisean Eòrpach an t-seachdain seo chaidh, bhiodh e furasda do luchd-leantainn na h-Alba dìochuimhneachadh mu iomairt Lìog nan Dùthchannan.
Cha do leig a' cho-fharpais fhèin le Alba sin a dhèanamh Didòmhnaich, ge-tà. Trì là às dèidh toileachais Bhelgrade, thàinig sreath de naoi geamannan anns nach robh Alba air call gu crìoch.
Rinn oidhirp Ján Greguš às dèidh beagan agus leth-uair cinnteach gum fuiricheadh na trì puingean ann an Slobhagia, le sgioba Štefan Tarkovič a' buannachadh airson a' chiad uair anns an iomairt, agus a' faighinn dìoghaltas airson call le aon tadhal gu neoni aig Hampden anns an Damhair.
Leis a sin, tha Alba a-nis air am fàgail le deich phuingean bho chòig geamannan ann am buidheann B2 - aig bàrr a' chlàir, ach le Poblachd na Seice a-nis dìreach aon phuing air dheireadh às dèidh dhaibh buannachadh le aon tadhal gu neoni aig an taigh an aghaidh Iosrael.
'S e an sgioba a chrìochnaicheas aig mullach na buidhne a gheibh àrdachadh dhan ìre as àirde dhen ath iomairt ann an Lìog nan Dùthchannan.
Bidh aig Poblachd na Seice ri buannachadh aig an taigh an aghaidh Slobhagia airson cothrom a thoirt dhaibh fhèin sin a dhèanamh. Do dh'Alba, tha fios aca gu bheil smachd aca fhèin air na thachras dhaibh anns a' cho-fharpais.
Nì trì puingean ann an Iosrael cinnteach gum bi Alba air thoiseach air na sgiobaidhean eile. Dhèanadh puing an gnothach fhad 's nach buannaich Poblachd na Seice an aghaidh Slobhagia.
Dh'fhaodadh Alba fiù 's call ann an Iosrael agus chrìochnachadh iad air thoiseach air càch, fhad 's gun dèan Slobhagia an gnothach air co-dhiù puing fhaighinn ann Plzeň.
Ach ma tha rèis ann eadar Alba agus Poblachd na Seic airson àrdachadh fhaighinn, tha rèis de sheòsa eile ann aig bonn na buidhne.
Gheibh aon sgioba bho bhuidheann B2 àrdachadh gu ìre A, ach tuitidh aon sgioba bhon bhuidhinn sìos gu ìre C.
'S e sin a bhios Slobhagia ag iarraidh a sheachnadh ann am Poblachd na Seic, agus Iosrael aig an taigh an aghaidh Alba.
Chan eil sgioba Willibald Ruttensteiner ach air còig puingean a chruinneachadh anns na còig geamannan aca anns a' bhuidhinn thuige seo, ach às dèidh do dh'Alba call an aghaidh Slobhagia, bidh fios aig Alba cho cunnartach 's as urrain sgioba a tha a' sabaid airson iad fhèin a shàbhaladh a bhith.
Bidh deagh chuimhe aig manaidsear na h-Alba, Steve Clarke, air cho doirbh 's a bha e a' tighinn seachad air Iosrael ann an iar-chuairt dheireannach phlay-offs EURO 2020 bho chionn beagan agus mìos. Bha Alba feumach air breanan-peanais airson buannachadh air an oidhche ud, agus chan eil Iosrael air sealltainn gum bi na geamaichean aca dad ach faisg bhon uairsin.
A dh'aindeoin àireamh cho beag de phuingean anns a' bhuidhinn agus àite cho ìosal ri 88 ann an rannganan FIFA, chan eil Iosrael uair sam bith air a bhith fada bho sgiobaidhean eile thar nam mìosan mu dheireadh.
Bha iad co-ionnan le Alba aig Hampden air a' chiad là dhen iomairt mun do thog iad puing aig an taigh an aghaidh Slobhagia.
Chaill iad le aon tadhal an aghaidh Poblachd na Seice air gach taobh de bhith a' buannachadh trì gu dhà an aghaidh Slobhagia ann an Trnava. Chan eil mòran eadar a bhith a' buannachadh agus a' call ann am ball-coise, ach 's e an diofar sin a tha air Iosrael fhàgail a' sabaid airson fuireach anns an dàrna ìre de Lìog nan Dùthchannan.
Tha comasan gu leòr ann an sgioba Iosrael ge-tà, le Alba mar thà air cunnartan na sgioba fhaicinn air a' phàirc dà thuras am-bliadhna.
Mar a bha nuair a thachair na sgiobaidhean dà thuras aig Hampden,'s ann air Eran Zahavi aig PSV Eindhoven a bhios an cuideam tadhail fhaighinn aig aghaidh na sgioba.
Lorg e an lìon an aghaidh Alba anns an Damhair, le trì oidhirpean air an targaid ann an Slobhagia a' cur ri na tha Zahavi air fhaighinn de thadhail dha dhùthaich.
Bha Alba ga fhaighinn doirbh smachd a chumail air an dearbh chluicheadair aghaidh roimhe agus bidh Iosrael an dòchas a neartan a chleachadh airson cùisean a dhèanamh doirbh a-rìthist.
Tha druim aig sgiobsa Iosrael a rinn cùisean doirbh do dh'Alba roimhe cuideachd. Nì Nir Bitton aig Celtic cinnteach gum bi an sgioba teann aig a' chùl, leis an sgiobair Bibras Natkho mar thà air sealltain gu bheil e comasach air geamannan a riaghladh ann an meadhan na pàirce.
Bidh Steve Clarke an dòchas grunn chluicheadairean nach do nochd an aghaidh Slobhagia a chleachdadh ann an Netanya. Bidh an romhainn aige Lyndon Dykes a thoirt air ais dhan sgioba, agus Alba feumach air cluicheadair a bhuannaicheas buill ann an leth Iosrael.
Ma tha Alba a' dol a lorg rathad dhan lìon - rud a tha air a bhith na dhùbhlan a dh'aindeoin adhbhar thoileachais na seachdain seo chaidh - bidh Dykes cudromach dha-rìribh, agus e a' toirt chluicheadairean eile dhan gheam àrd ann an leth sgiobaidhean eile.
Bha neartan na h-Alba rim faicinn ann an meadhan na pàirce an dà chuid an aghaidh Serbia agus Slobhagia, le leithid Iain McGinn, Calum MacGriogair agus Stuart Armstrong uile a' sealltainn dè nas urrain dhaibh a chur ri sgioba Albannach air an leanag.
Ach 's ann air an loidhne dìon a tha soirbheachas na h-Alba air a bhith air a thogail thar nam mìosan a chaidh seachad. 'S e sin am bunait air an robh cruth sgioba na h-Alba air a thogail agus a chum Alba naoi geama as aonais call.
Bidh Steve Clarke ag iarraidh sreath eile de gheamannan as aonais call a chur ri chèile agus àrdachadh fhaighinn gu ìre A ann an Lìog nan Dùthchannan, ach airson sin a dhèanamh bidh aig Alba ri sgioba a tha a' sabaid airson am beatha aig bonn na buidhne a chumail a-mach.
Tha amasan aig an dà chuid Iosrael agus Alba airson a' gheam eadarra. Bidh aig Alba ri dèanamh cinnteach gum bi iadsan air ghleus airson na puingean a thogail agus crìoch a chur air briseadh eadar-nàiseanta a tha air a bhith trom air casan agus cridhe, ach soirbheachail aig a' cheann thall.
Bidh cothrom ann gleans a chur ris an dearbh sheachdain ann an Iosrael.