Soirbheachas ann an Serbia
- Air fhoillseachadh
Le bhith a' soirbheachadh ann an suidheachadh a bha dubhach, tha sgioba na h-Alba air dòchas a thoirt dhuinn uile.
Thug e 120 mionaid agus 10 breaban-peanais air lèanag throm Pà irce Rajko Mitić ann am Belgrade, ach oidhche Dhiardaoin rinn Alba an gnothach air faighinn gu farpais eadar-nà iseanta airson a' chiad uair bho Chupa na Cruinne anns an Fhraing ann an 1998.
Leis an sin, thug iad cuimhneachain ùra agus à raid do luchd-taic sean agus òg faisg air deireadh bliadhna a th' air a bhith feumach air adhbhar toileachais.
Reultan
Nuair a thòisich iomairt Lìog nan Dùthchannan aig Alba ann an 2018, le cothrom faighinn gu na Euros na lùib, cha bhiodh fios aig neach air a' phà irc neo far na pà irce mun t-seòrsa saoghal anns an tigeadh an dearbh rathad sin gu crìch.
Ann an 2020, dh'fhà g sgioba na h-Alba saoghal duilich air an cùlaibh agus thug iad luchd-leantainn na sgioba dha na reultan.
Aig toiseach na h-oidhche bha fios aig Alba na bh'aca ri dhèanamh airson faighinn chun nam farpaisean Eòrpach an ath-bhliadhna; faighinn seachad air sgioba Sherbia aig Ljubiša Tumbaković anns a' phrìomh bhaile aca fhèin.
Am measg nan rionnagan ann an sgioba Orlovi (na h-iolairean) bha Dušan Tadić aig Ajax, Sergej Milinković-Savić aig Lazio agus Alexandar Mitrovic aig Fulham; sà r chluicheadairean dha-rìribh, le gach fear aca comasach air cùisean a dhèanamh gu math doirbh do loidhne-dion sam bith.
Neart
Bha iad cleachdte tadhail a chall gu furasda, ach cha b'e faighinn tadhail aon de na neartan aig Alba idir.
Tha sgioba Steve Clarke an urra ri loidhne-dìon a tha daingeann agus tha iad a' dèanamh deagh obair ann am meadhan na pà irce.
Bha Alba là idir far an robh Serbia lag, agus Serbia là idir far an robh Alba lag.
Thòisich na h-Albannaich gu math anns a' chiad leth, agus iad a' dèanamh a' ghnothaich air loidhne à rd a chumail air na cliathaichean.
Aimsir
Air oidhche fhliuch, b' iad na h-Albannaich a b' fheà rr a dhèilig ris an droch aimsir, a' gluasad le barrachd cinnt anns na casan aca fhèin, agus a' gearradh sios chothroman Sherbia oidhirpean fhaighinn air an targaid.
Bha neart Lyndon Dykes ag adhbhrachadh draghan cuideachd agus am ball a steigeadh à rd ann an leth nan Serbach.
A dh'aindeoin sin, b' ann aig Serbia a bha an cothrom a b' fheà rr den leth.
Mu 20 mionaid tron chiad earann, thionndaidh Dušan Tadić air an spot, chuir e ball dhan bhogsa do Mhitrovic, a chleachd a neart airson fhà gail aig Saša Lukić, a chuir oidhirp beagan seachad air a' phost.
Rabhadh do dh'Alba, ach bha cothrom ri thighinn dhaibhsan cuideachd.
Dh'fheuch Iain McGinn air an targaid as dèidh dha briseadh troimhe air an taobh chlì, ach chruinnich Predrag Rajković oidhirp.
Rionnagan
Deagh chomharran bho na h-Albannaich ge-tà agus iad a' coimhead cofhurtail anns a' gheam.
Sheall Alba anns a' chiad leth gun robh iad a cheart cho math ri rionnagan Sherbia.
Thòisich Alba gu math anns an dà rna leth cuideachd.
Chuir Anndra Robasdan sà r chothrom seachad às dèidh do Lyndon Dykes am ball a chumail bho na Serbaich aig oir a' bhogsa, ach cha tug e ach trì mionaidean eile do dh'Alba briseadh troimhe.
Thionndaidh Ryan Christie air an spot agus le oidhirp ìosal le chas chlì bha Alba air thoiseach.
1-0 air thoiseach agus a-nis cho faisg air co-fharpais eadar-nà iseanta 's a tha iad air a bhith ann an iomadh bliadhna.
Cha do stad na h-Albannaich an sin ge-tà , le cothrom eile bho Christie a' dol beagan seachad air post chlì aig Rajkovic.
Bha ruitheam a' gheam ann an fà bhar nan Albannach, le Serbia a' strì gus greim fhaighinn air cùisean.
Dh'atharraich sin nuair a thà inig Lyndon Dykes agus Iain McGinn, a bh' air a bhith cho là idir do dh'Alba, far na pà irce.
Thà inig Oli McBurnie agus Coinneach MacIllEathain air nan à ite, ach thug e greis dhaibh tighinn gu ìre a' gheam.
Duais
Chaill na h-Albannaich smachd air a' gheam agus iad a' tuiteam nas fhaide agus nas fhaide air ais.
Anns a' mhionaid mu dheireadh, agus Alba cho faisg air an duais, fhuair Serbia breab-oisean.
Thà inig i a steach bho chas Filip Mladenović, le Luka Jović a' call Scott McTominay agus ga chur seachad air Dà ibhidh Marshall.
Briseadh-cridhe do dh'Alba, agus ùine a bharrachd ri thighinn.
Mar a bhiodh dùil, thuit cinn na h-Alba agus dh' fhàs Serbia dhan gheam.
Rinn Dà ibhidh Marshall sà bhaladh air leth le chorragan airson oidhirp chumhachdach aig Nemanja Gudelj a chumail a-mach.
Bha an ùine a' ruith, agus chuir Steve Clarke Leigh Griffiths air a' phà irc - seo mar chomharra airson na bha ri thighinn dhan dà sgioba.
Deuchainn
Beag air bheag, bhuannaich Alba na meatairean a chaill iad air ais agus fhuair iad thairis air an loidhne as dèidh leth-uair de dh'ùine a bharrachd a bha na dheuchainn dhan bhodhaig agus dhan inntinn.
Airson an dà rna turas ann an eachdraidh sgioba nà iseanta na h-Alba, bhiodh iad feumach air breaban-peanais airson soirbheachadh.
Bhreab na h-Albannaich an toiseach. Le cuideam eachdraidh air an guailnean, chuir na h-Albannaich am ball dhan lion tro Leigh Griffiths, Callum MacGriogair, Scott McTominay agus Oli McBurnie.
Gach turas, fhreagair na Serbaich.
Anns a' chuairt mu dheireadh de bhreaban, sheas Coinneach MacIllEathain air cùl a' bhuill mar a rinn e an aghaidh Iosrael anns a' chuairt mu dheireadh.
Chuir esan oidhirp dhan aon oisean.
Leis an sin, dh'fheumadh gaisgeach Sherbia, Alexandar Mitrovic, an lion a lorg airson Serbia a chumail anns a' gheam.
Sheas Dà ibhidh Marshall air an loidhne, agus na milleanan de dh'Albannaich air a chùl.
Le dòrn là idir dhan taobh chlì, chùm Marshall Mitrovic a-mach agus thug e adhbhar subhachais do dh'Alba nach robh iad air fhaireachdainn ann an còrr agus fichead bliadhna.
Fhad 's a thig piseach air suidheachadh Chovid-19 air feadh na Roinn Eòrpa, cluichidh Alba an aghaidh Phoblachd na Seiceach aig Hampden, Sasainn aig Wembley agus an uairsin Croà tia aig Hampden aig farpais Eòrpach na h-ath-bhliadhna - smuain a bha gu math fada às bho chionn fiù 's dà bhliadhna.
Riaslach
Bha cùisean riaslach air an lèanag nuair a fhuair Steve Clarke obair manaidsear na h-Alba ann an 2019.
Dh' fhàs suidheachadh mhòran ann an Alba gu math dubhach airson adhbharan eile ann an 2020, ach le bhith a' faighinn gu cò-fharpais eadar-nà iseanta agus a' dèanamh rudeigin nach eil sgioba Albannach air a dhèanamh ann an còrr agus fichead bliadhna, tha an sgioba seo air dealbh chumhachdach fhà gail againn.
Fiù s ann an amannan dorcha, tha dòchas agus amannan nas fhèarr ri thighinn - an dà chuid air an lèanag, agus nar beatha fhìn.