Teine aig Clach na Cùdainn
- Air fhoillseachadh
Tha teine air milleadh a dhèanamh aig dachaidh Clach na Cùdainn ann an Inbhir Nis.
Chaidh na poilis a ghairm gu Pà irc Srà id nan Granndach mu 0925 agus chaidh rathaidean faisg air là imh a dhùnadh.
Chaidh ceithir einnseanan smà laidh a chur chun na là raich.
Thuirt an cluba ball-coise, a tha a' cluich ann an Lìog na Gà idhealtachd, gun robh teine beag ann an seòmar na sgioba ach fhuair oigifich a' chlub gun robh an teine nas motha na bhathar an dùil an toiseach.
Thuirt Clach gun robhar a' creidsinn gur e uireasbhaidh dealain a dh'adhbhraich an teine agus gun deach "fìor dhroch mhilleadh" a dhèanamh.
Dh'fhoillsich iad aithris ag rà dh cho taingeil 's a bha iad airson na seirbheis smà laidh agus nach deach duine sam bith a ghoirteachadh.
Chuir Clach fios air an Lìog agus cumaidh iad fiosrachadh riutha mu obair cà raidh.
Thuirt an cluba cuideachd gun cuireadh na thachair maill orra ach gun robh dùil aca gum faigheadh iad air ais air an casan an ceann ùine ghoirid.