Cùmhnant nan aiseagan dha Cal Mac
- Air fhoillseachadh
Chaidh cùmhnant nan aiseagan air a' chosta an iar a thoirt dha Caledonian Mac a' Bhruthainn.
Tha luach £900m sa chùmhnant.
Bha Cal Mac a' strì an aghaidh na companaidh prìbhidich, Serco.
Dhearbh Riaghaltas na h-Alba an naidheachd madainn Dhiardaoin.
Thuirt iad gu bheil còrr 's 350 gealltanas san tagradh a rinn Cal Mac.
Leasachadh
Nam measg, tha £6m a chosg air bà taichean is puirt a leasachadh.
Tha iad cuideachd a' gealltainn à rdachadh 10% air à ireamhan luchd-siubhail/charbadan, is à rdachadh 12% air à ireamhan charbadan coimearsalta.
Thuirt Cal Mac gum bi cothroman cosnaidh a bharrachd ann aig ìre ionadail.
Gheall iad cuideachd dreuchd ùr a chruthachadh air am bi Stiùiriche Coimhearsnachd, agus bòrd ùr a stèidheachadh, gus guth nas là idire a thoirt dha coimhearsnachdan.
Thèid prìomh oifis na companaidh a chumail ann an Guireag, ge-tà , rud a bhios na bhristeadh-dùil dha cuid.
Connspaid
Bha connspaid sa phròiseas bho thùs is cuid ag rà dh nach robh feum air farpais.
Thuirt an Riaghaltas, ge-tà , nach robh dol às aca fo laghan na h-Eòrpa ach tairgsean iarraidh.
Fhuair Serco cùmhnant nan aiseagan air a' chosta a tuath roimhe.
Thog gu leòr dragh mun bhuaidh a bhiodh ann ma 's e is gum faigheadh iad cùmhant a' chosta an iar.
Dragh
Bha dragh air na h-aonaidhean mu thuarasdal is cùmhnantan-obrach.
Chaidh iomairt a chur air bhog feuch an cùmhnant a chumail sa roinn phoblaich.
'S e sin a-nise a tha air tachairt, is an cùmhnant a' fuireach le Cal Mac.
Mairidh an cùmhnant ochd bliadhna.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh19 An Cèitean 2016
- Air fhoillseachadh19 An Cèitean 2016