Cuairt Dheireannach a Chinn a Deas

Tùs an deilbh, Neil G Paterson

Tiotal an deilbh, Donnchadh MacRath is Pòl MacArtair aig Bail' Ùr an t-Slèibh - is Donnchadh MacIlleChiar aig Caol Bhòid na thuiteam.

'S e là mòr Earra-Ghàidheal a bhios ann sa chuairt dheireannaich de Chupa na Camanachd agus Caol Bhòid a-nise troimhe còmhla ri Inbhir Aora.

Air là teth, bruthainneach san Òban chaill Bail' Ùr an t-Slèibh an grèim air a' chupa agus balaich Thaigh na Bruaich a' soirbheachadh nan aghaidh 2-1.

'B e geama cianail fhèin faisg a bh'ann eadar an dà sgioba as làidir san spòrs, agus le na loidhnichean dìon gu sònraichte neartmhor cha robh mòran chothroman ann trath sa gheama.

Thàinig tadhal mu dheireadh thall dìreach as-dèidh an lethuair - Tòmas Whyte a' stiùireadh a' bhuill seachad air Mìcheal Ritchie gu sgileil son Caol Bhòid a chur air thoiseach.

Cha b'fhada gus an d'thàinig an darna tadhal, slaic thapaidh bho Ruairidh Dòmhnallach son sgioba a chinn a deas a chur ann an suidheachadh làidir aig 2-0.

Cudromach

Bha coltas ann aig an ìre sin gum faodadh Caol Bhòid ruith air falbh leis a' ghothach, ach fhuair Bail' Ùr an t-Slèibh air ais dhan gheama le tadhal cudromach ro letheach slighe.

Bha obair ionmhalta bho Chalum Miller agus Dòmhnall Irvine air Danny MacRath a chumail gu math samhach - ach cha robh a dhìth air MacRath ach aon chothrom agus loisg e urchair seachad air Coinneach Dòmhnallach ann an tadhal Chaol Bhòid.

Gu follaiseach fhuair am Bail' Ùr spionnadh às an tadhal sin agus 'b ann acasan a bha làmh an uachdair sa chiad chairteal na h-uaireach den darna leth.

Ghabh iad grèim làidir air meadhan na pàirce agus bhiodh an darna tadhal air tighinn mura b'e sàr-obrach bho Dhòmhnallach eadar na puist son Chaol Bhòid.

Cha d'thàinig an tadhal ge-tà agus fhuair Caol Bhòid air ais a-staigh dhan gheama, gu dearbh 's ann a bha còir acasan a bhith air an treas tadhal fhaighinn.

¹óì»å±ð²¹²µ

Chuir Friseal Dòmhnallach am ball dhan lìon ach bha an rèitire ro sgiobalta leis an fhìdeag, is e air slaic-saor a thoirt gu Caol Bhòid mus deach an tadhal a chur.

Chum sgioba a chinn a deas a' dol ge-tà agus a dh' aindeoin gach oidhirp a' Bhail' Ùir, cha d'thàinig iad ro fhaisg air an tadhal a bha a dhìth orra fhaighinn.

Chrìochaich an geama 2-1 agus duais sàr-chluicheadar an là gu Calum Miller - 's e a bha airidh air.

Beagan eachdraidh ma thà is Inbhir Aora agus Caol Bhòid gus coinneachadh sa chuairt dheireannaich san Òban air an 15mh den t-Sultuin.

'S e seo a' chiad chuairt dheireannach eadar dà sgioba bhon cheann a deas bho 1983, nuair a rinn Caol Bhòid a' chùis air Strath Chura 3-2, agus a' chiad turas a bhios seann nàimhdean Inbhir Aora is Caol Bhòid air coinneachadh aig an ìre seo.

³¢Ã¬´Ç²µ

Fhads a bha Caol Bhòid a' dèanamh ghàirdeachais aig an deireadh-sheachdain, 'b ann a bha na nàbaidheach aca air taobh eile a' chaoil tùrsach, is Eilean Bhòid a' call an àite aca sa Phrìomh ³¢Ã¬´Ç²µ.

'S e briseadh-dùil mòr a bha san t-seusan seo dha na h-eileanaich agus bha droch là eile aca Disathairne, is iad 4-0 air deireadh an aghaidh Inbhir Aora aig lethach ùine.

Chrìochnaich an geama 5-1 agus Eilean Bhòid a' tilleadh gu ³¢Ã¬´Ç²µ Deas 1 an ath-bhliadhna.

Sna geamaichean eile sa Phrìomh ³¢Ã¬´Ç²µ shoirbhich le Gleann Urchadain san dearbaidh aca an aghaidh Lòbhait, 3-1, agus thàinig an Gearasdan air ais bho 0-3 an aghaidh Chinn a' Ghiuthsaich gus buannachadh 4-3.

Ann an ³¢Ã¬´Ç²µ Tuath 3 thàinig seusan Chamanachd Leòdhais gu ceann le brag, is iad a' call 12-0 an aghaidh na Manachain, a bhuannaich an lìog.

Thèid an spàinn fhiodha gu Inbhir Nis ge-tà, is mar sin faodaidh na Leòdhasaich a bhith gu math riaraichte leis an adhartas a rinneadh san darna seusan aca san lìog.