91ȱ

Prìomh fhiosrachadh

'S e Lùth dealan-uisge (HEP) an dara gineadair lùth ann an Alba an dèidh tuathan-gaoithe air tìr.

Tha HEP an urra ri sruthadh uisge air sgàth grabhataidh airson dealan a ghintinn.

Far a bheil sgeamaichean HEP nas motha feumar dam a thogail thairis air gleann aibhne. Tha seo a' ciallachadh gun gabh uisge a stòradh ann an stòr-amar agus a leigeil às nuair a tha feum air dealan. Bhon a tha an t-uisge air a stòradh agus gun gabh smachd a chumail air an t-sruthadh aige, tha HEP nas earbsaiche na bunan-lùtha ath-nuadhachail a tha an urra dìreach air an t-sìde.

Bidh dam a' cumail thomhasan mòra uisge air ais
Image caption,
Bidh dam a' cumail thomhasan mòra uisge air ais

Lùth dealan-uisge agus a' bhuaidh aige

Faigh a-mach mar a ghabhas uisge a chleachdadh airson dealan a ghintinn.

Mar a tha dealan-uisge air a chruthachadh

Bidh sgeamaichean mòra dealan-uisge ag obrachadh le bhith a' stòradh uisge air cùl dam agus a' leigeil às tomhas sònraichte de dh'uisge airson dealan a ghintinn.

Diagram a' sealltainn mar a tha stèisean cumhachd dealan-uisge (HEP) ag obrachadh
Figure caption,
Mar a tha stèisean cumhachd dealan-uisge (HEP) ag obrachadh
  1. Tha uisge air a stòradh ann an lagan air cùl dam. Aig an ìre seo 's e dz-ùٳ a tha san lùth a tha air a stòradh ann.
  2. Nuair a thèid an t-uisge a leigeil às, bidh a' toirt air tuiteam sìos tro na pìoban anns an dam. Bidh an dz-ùٳ sin ag atharrachadh gu uiread mòr de lùth cineataigeach.
  3. Tha mòra, uabhasach shìos aig a' bhonn. Nuair a bhios an t-uisge a' tuiteam, bidh an lùth cineataigeach aige a' tionndadh lannan nan tuirbinean. Bidh seo an uair sin a' tionndadh eileagtromagnaitean ann an gineadair, a bhios ag atharrachadh lùth cineataigeach gu lùth dealain.
  4. Nuair a bhios e air an obair aige a dhèanamh a' tionndadh nan tuirbinean agus a' gintinn dealan, bidh an t-uisge a' sruthadh a-mach às an stèisean cumhachd agus sìos an abhainn.
  5. Ann an stèiseanan cumhachd le stòradh air a phumpadh, tha an t-uisge air a stòradh ann an stòr-amar ìosal agus gabhaidh a phumpadh air ais suas chun an dam airson gun gabh a chleachdadh a-rithist agus a-rithist. Tha an t-uisge air a phumpadh air ais suas air an oidhche nuair a tha dealan a bharrachd anns a' Ghriod Nàiseanta.

Dealan-uisge ruith na h-aibhne

'S e pròiseactan nas lugha a bhios ag obrachadh gun dam a tha ann an siostaman dealan-uisge ruith na h-aibhne. Tha seo a' ciallachadh nach bi iad a' cur uiread de dhragh air sruthadh an uisge agus air an àԲԱ𲹳 ionadail.

  1. Bidh na h-uiread de dh'uisge bho abhainn no bho allt air a chur air slighe eile tro chairidh cruinneachaidh.
  2. Bidh grabhataidh a' toirt air an uisge sruthadh sìos a' bheinn tro ìDz fon talamh.
  3. Tha an t-uisge air a phumpadh tro thuirbin ann an taigh-cumhachd.
  4. Nuair a bhios an tuirbin a' cur car, bidh e a' tionndadh gineadair a bhios a' gintinn dealan.
  5. Bidh an t-uisge a' sruthadh bhon tuirbin agus tro tholl agus air ais dhan abhainn.

Factaran suidheachaidh

Mar a shaoileadh tu, feumaidh HEP sileadh gu leòr (uisge, clach-mheallain, flinne agus sneachd). 'S ann ann an àitichean nas fliche air an t-saoghal as fheàrr a tha e ag obrachadh, mar ceann an iar-thuath nan SA.

Tha talamh nas caise uabhasach math airson stèisean cumhachd oir bidh barrachd silidh air talamh nas àirde. Mar eisimpleir, air Gàidhealtachd na h-Alba.

Faodar an dà chuid glinn air chumadh U agus glinn air chumadh V a chleachdadh airson Stèiseanan Cumhachd Dealan-uisge a shuidheachadh. Tha glinn air chumadh U a' dèanamh bonn còmhnard do stòr-amaran, agus stòraidh iad mar sin tomhasan mòra uisge.

Bidh glinn chasa, nas àirde a' gintinn barrachd dealain oir tha barrachd uisge gu h-àrd.

Feumaidh suidheachadh sgeama HEP smaoineachadh air a' bhuaidh a bhios aige air sluagh an àite agus air fiadh-bheatha gus nach feum àireamhan mòra dhaoine a ghluasad, agus gus nach tèid àrainnean agus gnèithean cugallach a mhilleadh no a sgrios.

Gleann Dol, Am Monadh Ruadh
Image caption,
Gleann Dol, Am Monadh Ruadh, Alba

Seasmhachd cumhachd dealan-uisge

Stèisean Cumhachd a' Chruachain, Earra-Ghàidheal agus Bòd
Image caption,
Stèisean Cumhachd a' Chruachain, Earra-Ghàidheal agus Bòd

Airson gum bi seasmhachd ann san àm ri teachd, feumaidh sinn smaoineachadh air feumalachdan an latha an-diugh a shàsachadh agus an àԲԱ𲹳 agus ò a dhìon airson an àm ri teachd.

'S e lùth ath-nuadhachail a th' ann an lùth dealan-uisge chionn bidh an-còmhnaidh uisge agus sileadh eile ann. Ach dh'fhaodadh atharrachadh na gnàth-shìde agus sileadh buaidh a thoirt air na tha de dh'uisge ri fhaotainn airson a ghintinn.

Cha bhi e a' cruthachadh eimiseanan carbon dìreach no truailleadh agus faodaidh e mar sin cuideachadh gus teasachadh na cruinne a lùghdachadh.

Nuair a bhithear a' togail damaichean uisge, tha feum air uireadan mòra concrait agus bidh sin a' cur ri eimiseanan carbon. Faodaidh fàs-bheatha mharbh a bhith air a glacadh air a' chùl. Mar a bhios sin a' lobhadh, bidh e a' leigeil carbon monogsaid agus meatan mu sgaoil, agus 's e gasaichean taigh-glainne a tha annta le chèile.

Cha bhi an dà thrioblaid sin cho mòr ann an sgeamaichean dealan-uisge nas lugha air ruith na h-aibhne a tha ag obrachadh gun damaichean mòra.

Buannachdan agus eas-bhuannachdan lùth dealan-uisge

Buannachdan

  • Chan eil truailleadh ann bho sgudal no , chan eil cosgaisean connaidh ann agus tha e saor a ruith nuair a thèid a stèidheachadh.
  • Cuideachd, le damaichean, thèid againn air smachd a chumail air gintinn an dealain, ga chruthachadh dìreach nuair a dh'fheumas sinn.
  • Tha lùth uisge, sa h-uile cruth dheth, na lùth ath-nuadhachail.
  • Tha stèiseanan cumhachd dealan-uisge a bhios a' stòradh uisge uabhasach earbsach agus gabhaidh uiread an dealain a thèid a ghintinn atharrachadh gu furasta a rèir 's dè na tha a dhìth.
  • Gabhaidh bhalbhaichean fhosgladh gu luath airson lùth a ghintinn aig amannan trang.

Eas-bhuannachdan

  • Tha iad uabhasach daor an togail. Tha feum air tòrr concrait airson dam a thogail, agus tha tòrr carbon dà-ogsaid ga chruthachadh ann a bhith a' dèanamh a' choncrait.
  • Faodaidh duilgheadasan àԲԱ𲹳ail a bhith ann cuideachd. Nuair a thèid dam a chur air gleann, tha tòrr fearainn a' dol fo thuil agus faodaidh droch bhuaidh a bhith aig a sin air fiadh-bheatha, àrainnean agus coimhearsnachdan ionadail.
  • Feumaidh an cruth-tìre a bhith ceart air a shon – beanntan le tòrr uisge. Chan e deagh bheachd a bhiodh ann ann am fàsach chòmhnard.
  • Faodaidh dam stad a chur air slighean imrich èisg. Bidh iad ag atharrachadh sruthadh an uisge shìos an abhainn. Dh'fhaodadh sin buaidh a thoirt air daoine agus air an àԲԱ𲹳 shìos anns a' chòrr de ghleann na h-aibhne.
  • Faodaidh fàs-bheatha a tha a' lobhadh mar as trice falbh leis an t-sruth, ach faodaidh damaichean a glacadh. Nuair a bhios seo a' lobhadh, bidh e a' dèanamh meatan agus carbon monogsaid – gasaichean taigh-glainne a bhios an uair sin a' dol dhan àile.

Feuch dè nas aithne dhut

More on Bunan lùtha is seasmhachd

Find out more by working through a topic