91ȱ

Prìomh fhiosrachadh

Tha lùth an à na bhun-lùth ath-nuadhachail agus seasmhach.

Nuair a bhios a' Ghealach a' gluasad mun cuairt na Talmhainn, bidh an grabhataidh aice a' tarraing a h-uile càil air an Talamh ga h-ionnsaigh, am muir cuideachd. Tha uisge gluasadach anns a' mhuir ag adhbharachadh dà làn àrd agus dà làn ìosal gach latha. Gabhaidh an t-uisge gluasadach seo a chleachdadh airson dealan a ghintinn.

Tha an teicneòlas airson dealan a ghintinn bho na à fhathast aig ìre leasachaidh thràth.

Tha fear dhe na tuirbinean lùth à as motha air an t-saoghal anns a' Chaol Arcach ann an ceann a tuath na h-Alba.

Tuirbin Làin ScotRenewables ga fheuchainn far-thìr ann an Arcaibh, Alba
Image caption,
Tuirbin Làin ScotRenewables ga fheuchainn far-thìr ann an Arcaibh, Alba.

Lùth an à agus a' bhuaidh aige

Faigh a-mach mar a ghabhas à na mara a chleachdadh airson dealan a ghintinn.

Mar a tha lùth à air a ghintinn

  1. Mus obraich lùth an à, feumaidh tu sruth uisge uabhasach làidir. Tha e nas fhasa seo a ghlacadh nuair a tha uisge a' sruthadh tro chladhan cumhang mar beul-aibhne no eadar dà phìos fearainn.
  2. Nuair a bhios uisge a' sruthadh tro na h-àitichean sin a tha nas cumhainge, bidh e a' sruthadh nas luaithe agus a' toirt barrachd lùth.
  3. Tha lùth cineataigeach an à a' sruthadh air ais agus air adhart leis na à air a chleachdadh airson lannan thuirbinean air structaran làidir ceangailte ri grunnd na mara a thionndadh, no tuirbinean air fleòdradh a tha air an acrachadh nan àite. Tha seo a' toirt cumhachd do ghineadairean a bhios ag atharrachadh lùth cineataigeach gu lùth dealain a ghabhas aiseag air ais gu tìr tro chàballan fon mhuir.
  4. Far costa a tuath na h-Alba, faisg air eilean Stròma, tha fear dhe na buidhnean as motha dhen t-seòrsa tuirbin seo. Bidh na tuirbinean a' glacadh lùth an à a tha a' sruthadh tron Chaol Arcach eadar an Cuan Atlantaig agus an Cuan a Tuath.

Mar a bhios balla-casg à ag obrachadh

Stèisean Cumhachd Làin Rance, A' Bhreatainn Bhig, An Fhraing
Image caption,
Tha Stèisean Cumhachd Làin Rance sa Bhreatainn Bhig anns an Fhraing na eisimpleir de bhalla-casg à. Chaidh fhosgladh ann an 1966, agus b' e a' chiad stèisean cumhachd à a bh' air an t-saoghal.

A h-uile latha, bidh dà làn àrd agus dà làn ìosal ann an sgìrean cladaich. Tha tòrr lùth anns na à sin. Mar sin, bidh uireadan mòra uisge a' gluasad a-mach agus a-steach à beul-aibhnichean gach latha air sgàth nan à.

'S e bacadh mara a th' ann am balla-casg à a ghabhas a thogail tarsainn air beul-aibhne airson gun cleachdar an lùth cineataigeach ann an gluasad uisge an à.

Tha tuirbinean anns na ballachan-casg seo a tha air an tionndadh le uisge a' dol aig astar tro na pìoban sa bhalla-casg. Bidh na tuirbinean a' tionndadh ghineadairean a bhios a' gintinn dealan.

Diagram a' mìneachadh tuirbin cumhachd à

Lùth an à ann an Alba

Tuirbin à air fleòdradh ga fheuchainn ann an Arcaibh
Image caption,
Tuirbin à air fleòdradh ga fheuchainn ann an Arcaibh, Alba.

Tha lùth an à fhathast aig ìre thràth ann an Alba, ach tha comas aig lùth an à uireadan mòran dealain a ghintinn.

Tha sruthan làidir à ann an iomadh àite ann an Alba agus iad a' sruthadh tro chaolasan cumhang no mun cuairt rubhannan, gu h-àraidh mun cuairt nan Eileanan Siar, Sealtainn agus mun cuairt Arcaibh agus an Caol Arcach.

Chaidh tuirbinean a chur dhan Chaolas A-staigh anns a' Chaol Arcach, uisge a tha a' sgaradh tìr-mòr na h-Alba bho Shròma, eilean às an do dh'fhalbh an luchd-còmhnaidh mu dheireadh anns na 1960an.

Tha suas ri 269 tuirbinean air grunnd na mara san sgeama. Nuair a bhios e gu tur deiseil, bidh an comas aig an sgeama de 398MW, 269-tuirbinean, air cumhachd a thoirt do 175,000 dachaigh.

Seasmhachd

Airson seasmhachd san àm ri teachd, feumar smaoineachadh air feumalachdan an latha an-diugh agus an àԲԱ𲹳 agus ò a dhìon airson an àm ri teachd.

'S e lùth ath-nuadhachail a th' ann an lùth an à bhon a tha grabhataidh na gealaich ag adhbharachadh an à agus cha teirig sin.

Chan eil e a' cruthachadh truailleadh no eimiseanan dìreach de charbon agus faodaidh e mar sin cuideachadh ann a bhith a' lùghdachadh teasachadh na cruinne.

Tha uireadan mòra concrait gan cleachdadh ann a bhith a' stèidheachadh ballachan-casg à agus tha seo a' cur ri eimisean carbon. Chan eil tuirbinean sruthan à a tha nas lugha a' cleachdadh uiread de choncrait no ag adhbharachadh uiread de dh'eimiseanan carbon anns an dèanamh aca.

Buannachdan agus eas-bhuannachdan lùth an à

Buannachdan

  • Aocoltach ri lùth na grèine agus lùth na gaoithe, tha gluasadan an à earbsach gu cunbhalach. Tha dà làn àrd agus dà làn ìosal ann a h-uile latha agus gabhaidh an cleachdadh airson dealan a ghintinn.
  • 'S e cuideachd bun-lùth ath-nuadhachail, seasmhach a th' ann. Chan fheum e connadh agus cha bhi e a' dèanamh far-stuthan no truailleadh.
  • Bidh tuirbinean à a' tionndadh gu mall agus tha seo a' lùghdachadh a' chron a nì iad air beathaichean mara a bhios a' dol tromhpa.

Eas-bhuannachdan

  • Tha an teicneòlas aig ìre thràth agus chan eil lùth an à, air feadh an t-saoghail, a' gintinn mòran dealain fhathast.
  • Cuideachd, aig toiseach a' phròiseact, tha cosgais mhòr an cois innleadaireachd agus togail nan innealan airson obrachadh air grunnd na mara. Agus bhon a tha tuirbinean à ag obrachadh nas fheàrr ann an caolasan cumhang, chan eil uiread de làraichean ann a tha freagarrach dhaibh.
  • 'S dòcha nach bi iad sin faisg air far a bheil feum air an dealan, agus bidh sin an uair sin a' cur feum air na mìltean 's na mìltean de loidhneachan dealain.
  • Dh'fhaodadh gun tèid cron a dhèanamh air àԲԱ𲹳 na mara nuair a thèid àireamhan mòra de thuirbinean a thogail.
  • Bidh ballachan-casg an à a' toirt buaidh air sruthadh an uisge tro bheul-aibhnichean, agus faodaidh iad àrainnean atharrachadh agus buaidh a thoirt air iasg imrich agus beathaichean eile.

Feuch dè nas aithne dhut

More on Bunan lùtha is seasmhachd

Find out more by working through a topic