Prìomh fhiosrachadh
Bidh lùth niùclasach a' gintinn tòrr lùth bho chonnadh niùclasach ann an iom-obrachadh earbsach air an gabh smachd a chumail.
'S e stòras a chrìochnaicheasStòras nach eil tòrr ann dheth. Teirigidh e uaireigin ma bhios sinn ga chleachdadh. a th' ann an connadh niùclasach agus mar sin chan e bun-lùth ath-nuadhachailRudeigin nach teirig nuair a thèid a chleachdadh. a th' ann.
Cha bhi e a' dèanamh carbon dà-ogsaid no gas taigh-glainneGas a bhios a' sùghadh teas agus ga fhàgail glacte ann an àile na Talmhainn. Bidh gasaichean taigh-glainne a' cumail na Talmhainn blàth, ach tha barrachd is barrachd uireadan ghasaichean taigh-glainne ag adhbharachadh teasachadh na cruinne. 'S e deatach uisge, carbon dà-ogsaid agus meatàn na prìomh ghasaichean taigh-glainne. sam bith eile, agus mar sin cha bhi e a' cur gu dìreach ri teasachadh na cruinne. Tha cuid dhen bheachd gur e roghainn mhath a th' ann an àite chonnaidhean-fosail neo-ath-nuadhachailStòrasan nàdarra nach urrainn dhuinn ath-nuadhachadh nuair a theirigeas iad. Tha seo a' ciallachadh gu bheil uiread shònraichte dhiubh air an Talamh. Tha connaidhean-fosail, mar gual, ola agus gas nan goireasan neo-ath-nuadhachail..
Faodaidh rèididheachd bho chonnadh niùclasach agus sgudal niùclasach cron mòr a dhèanamh air nithean beò. Mar sin, tha cuid de dhaoine dhen bheachd gu bheil connadh niùclasach ro chunnartach do shlàinte agus dhan àԲԱ airson a chleachdadh.
Lùth niùclasach agus a' bhuaidh aige
Mar a tha lùth niùclasach air a ghintinn
Tha stèiseanan cumhachd niùclasach coltach ri stèiseanan cumhachd traidiseanta oir tha uisge air a theasachadh gus tuirbin'S e inneal a th' ann an tuirbin a bhios ag atharrachadh gluasad lionn no gas gu bhith na lùth a ghabhas a chleachdadh. Ann an tuirbin sìmplidh bidh uisge no èadhar a' putadh an aghaidh lannan an tuirbin agus a' cur car dhiubh. Nuair a bhios na lannan a' cur car, bidh iad a' tionndadh pòla fada ris an canar crann. Faodaidh an crann an uair sin pìosan eile de dh'innealradh a thionndadh, mar gineadair a tha air a chleachdadh airson dealan a ghintinn. a thionndadh agus lùth dealain a ghintinn.
Ach an àite a bhith a' losgadh chonnaidhean, bidh na h-ataman uranium (an connadh niùclasach) a' dol tro iom-obrachadh ris an canar fisean niùclasach a bhios a' cruthachadh teas.
Fisean niùclasach
'S e fisean niùclasach nuair a thèid atamMìrean beaga dhe bheil a h-uile nì sa chruinne-cè air a dhèanamh. Bidh diofar ataman a' dèanamh suas diofar stuthan, ris an canar eileamaidean. a sgoltadh le bhith a' losgadh niutron (mìr beag bìodach) air. Nuair a thèid atam a sgoltadh, bidh e a' leigeil uiread mòr de lùth mu sgaoil mar theas.
Reactairean niùclasach
'S e uranium agus plutonium na prìomh chonnaidhean niùclasach. Tha iad sin air an cumail ann an reactair niùclasach.
- Bidh an connadh niùclasach a' dol tro fhisean niùclasach anns an reactair, a' dèanamh teas – lùth niùclasach gu lùth teas.
- Tha teas air a chleachdadh airson uisge atharrachadh gu stiom anns an iomlaidiche teas.
- Bidh an stiom a' tionndadh an tuirbin – lùth teas gu lùth cineataigeach.
- Bidh seo a' tionndadh a' ghineadair airson dealan a ghintinn – lùth cineataigeach gu lùth dealain.
Factaran suidheachaidh
Tha stèiseanan cumhachd niùclasach a' cur feum air bun-uisge earbsach airson fuarachadh agus rudan eile. Tha iad mar as trice air an togail ri taobh na mara no lochan mòra.
Faodaidh rèididheachd cron mòr a dhèanamh air nì beò sam bith, agus air daoine cuideachd. 'S ann air an adhbhar sin a bhios stèiseanan cumhachd niùclasach air làraichean air falbh bho bhailtean.
Faodaidh buaidh uabhasach a bhith aig tubaistean ann an stèiseanan cumhachd niùclasach. Feumar mar sin an togail far nach bi cunnart ann bho thuiltean, crithean-talmhainn no dian-shìde sam bith. Ann an 2011, dh'fhàillig an dealan ann an stèisean cumhachd niùclasach Fukushima ann a' Iapan air sgàth tsunamiTonn mara uabhasach mòr, air adhbharachadh le crith-thalmhainn fon uisge, spreadhadh bholcànach no maoim-slèibhe a-steach dhan mhuir.. Thug seo air an reactair teasachadh cus ag adhbharachadh grunn spreadhaidhean agus chaidh uireadan mòra, mòra de rèididheachd mu sgaoil.
Seasmhachd lùth niùclasach
Airson gum bi cùisean seasmhach anns an àm ri teachd, feumar smaoineachadh air a bhith a' coinneachadh fheumalachdan an latha an-diugh agus a' dìon na h-àԲԱ agus ò airson an àm ri teachd.
Tha cumhachd niùclasach neo-ath-nuadhachail chionn teirigidh an uiread de chonnadh niùclasach a tha air an t-saoghal. Ach ge-tà, chan fheumar ach uireadan beaga de chonnadh niùclasach airson uireadan mòra de lùth a ghintinn agus chan eilear mar sin ga chosg cho luath ri connaidhean-fosail.
Tha cumhachd niùclasach seasmhach san t-seagh nach bi e a' leigeil ghasaichean taigh-glainne mu sgaoil agus a' cur ri teasachadh na cruinne. Bithidh e a' leigeil uireadan beaga de ghas rèidio-beò agus stuth eile mu sgaoil, ach dìreach glè bheag.
Bidh e a' fàgail sgudal niùclasach a tha gu math rèidio-beò agus a dh'fheumar a stòradh shìos domhainn fon talamh airson sàbhailteachd agus tèarainteachd.
Buannachdan agus eas-bhuannachdan lùth niùclasach
Buannachdan
- Tha lùth niùclasach nas glaine na connaidhean-fosail (chan eil gasaichean taigh-glainne mar carbon dà-ogsaid no sulfar dà-ogsaid air an cruthachadh).
- Tha e glè èifeachdach - chan fheumar ach glè bheag de chonnadh niùclasach airson tòrr dealain a ghintinn.
- Ged a tha connadh niùclasach neo-ath-nuadhachail, chan eilear ga chosg gu luath.
- Aon uair 's gu bheil e air a stèidheachadh, tha na cosgaisean airson a ruith ìosal.
Eas-bhuannachdan
- Tha connadh niùclasach neo-ath-nuadhachail agus teirigidh e uaireigin.
- Tha cosgais mhòr an cois a stèidheachadh agus, mar sin, tha feum air tòrr airgid an toiseach gnothaich. Tha am pròiseas a' toirt iomadh bliadhna.
- Tha am pròiseas a tha an cois stèiseanan lùth niùclasach a dhì-choimiseanadh gus nach bi iad nan cunnart do shlàinte no dhan àԲԱ cuideachd fada agus cosgail.
- Tha cuid dhen sgudal niùclasach a tha uabhasach rèidio-beò agus feumar cur às dha gu cùramach. 'S àbhaist gum bithear ga thiodhlacadh shìos domhainn fon talamh.
- Ma bhios tubaist ann, dh'fhaodadh rèididheachd a dhol mu sgaoil a dh'fhaodadh cron a dhèanamh air daoine agus air an àԲԱ.
Feuch dè nas aithne dhut
More on Bunan lùtha is seasmhachd
Find out more by working through a topic
- count8 of 12
- count9 of 12
- count10 of 12
- count11 of 12