Air ùrachadh: 6 An t-Ògmhios 2017
Chan fhaod. Ach faodaidh tu cunntas 91ȱ a dhubhadh às airson smachd a chumail orra.
Cuimhnich, ma tha do chunntas ceangailte ri cunntas pàiste, thèid ceadan chloinne sam bith a dhubhadh às cuideachd. Gheibh thu tuilleadh fiosrachaidh mu cheadan chloinne an seo.
Ciamar a dhubhas mi às mo chunntas 91ȱ?
1. An toiseach, dèan cinnteach gu bheil thu air logadh a-steach do chunntas a’ BhBC.
2. An uair sin, air làrach 91ȱ sam bith, brùth air ìomhaigh “Do chunntas” aig bàrr na duilleig. (Ma tha ainm taisbeanaichte agad, bidh sin ri fhaicinn, agus chan e “Do Chunntas”). Tha e ri lorg sa bhàr lorgaidh, faisg air bàr seòlaidh do bhrobhsair.
3. Tagh “Seataidhean” agus thèid do thoirt gu d’ fhiosrachadh pearsanta.
4. Anns an earrainn “Dubh às do chunntas”, brùth air “Tha mi airson mo chunntas a dhubhadh às”. Feumaidh tu d’ fhacal-faire a chur a-steach gus am bi dearbhadh againn gur tu da-rìreabh a th’ ann.
5. Air an ath sgrion, brùth air “Dubh às mo chunntas” agus sin e dèante. Bidh sinn duilich d’ fhaicinn a’ falbh.
Air d’ fhacal-faire a dhìochuimhneachadh?
Feumaidh tu ùrachadh. Faic mar a nì thu seo ann an “Tha duilgheadasan agam le m’ fhacal-faire”.
Cuimhnich...
Gu mì-fhortanach cha till cunntasan a dh’fhalbh. Na dubh às do chunntas mur a bheil thu cinnteach.
Chan fhaighear taic ach ann am Beurla a-mhàin. Duilich mun sin.