91Čȱ¬

Dè tha ann an ceadan chloinne?

Air Ăąrachadh: 14 An DĂ mhair 2022

Tha ceadan chloinne gad chuideachadh do phĂ iste a chumail sĂ bhailte, le smachd a thoirt dhut a thaobh dè dh’fhaodas is dè nach fhaod iad a dhèanamh air 91Čȱ¬ air-loidhne.

A’ cur ceadan chloinne air dòigh

Le bhith a’ cur ceadan chloinne air dòigh, thèid agad air na leanas a dhèanamh:

Cead a thoirt dhad phàiste beachdan a chur air làraich-lìn chloinne a' BhBC

Tha seo gus am faod iad beachdan a chur air làraich-lìn chloinne a’ BhBC. Bidh sinn a’ measadh bheachdan mus tèid am foillseachadh, gus dèanamh cinnteach gu bheil iad air a’ leantainn ar Riaghailtean.

Tionndaidh pearsanachadh air no dheth

Ma cheadaicheas tu pearsanachadh, faodaidh do phàiste molaidhean pearsaichte fhaighinn mu rudan a tha sinn a’ smaoineachadh a chòrdadh riutha agus faodaidh iad tòiseachadh air prògraman far na stad iad.

Tionndaidh brathan air no dheth

Ma cheadaicheas tu brathan, leigidh sinn fios gu do phàiste nuair a tha rudan às ùr ann bho phrògraman, luchd-ciùil no clàir ciùil a tha iad air a chur ris.

Leigeil led phĂ iste dealbhan, bhidiothan agus fuaim a luchdachadh suas

Faodaidh do phàiste dealbhan, bhidiothan agus cruthachaidhean digiteach a chur thugainn gus an tèid am faicinn le pàistean eile. Gach turas a chuireas iad rud thugainn, bheir sinn sùil air gus dèanamh cinnteach gu bheil e freagarrach.

Thèid fios a chur thugad fhèin gach turas cuideachd gus cothrom a thoirt dhut d’ inntinn atharrachadh – cùm sùil a-mach airson na puist-d sin. Led chead, dh’fhaodadh gun tèid fhoillseachadh air an làraich-lìn no a shealltainn air an TBh, mar eisimpleir.

Faodar a bhith cinnteach gu bheil fiosrachadh do phàiste air-loidhne air a dhìon – faodaidh tu ar air a’ BhBC.

Cuimhnich

Chan urrainn do phĂ istean ceadan chloinne a riaghladh iad fhèin. Le sin, mar eisimpleir, ma tha thu airson leigeil leotha beachdan a chur gu C91Čȱ¬, feumaidh tu an cead a chur air dòigh dhaibh. 

Cuideachd, dh’fhaodadh atharrachaidhean sam bith a nì thu ri ceadan chloinne uair a thìde a thoirt gus am bi iad èifeachdach. Faodaidh do phĂ iste logadh a-mach agus an uairsin a-steach airson seo a dhèanamh nas luaithe.

 

Am faic mi dè tha mo chlann a’ leughadh, dè tha iad a’ coimhead no cò ris a tha iad ag èisteachd air a’ BhBC?

Chan eil sinn a’ toirt cothrom dhut sin a dhèanamh. Ach faodaidh smachd a bhith agad air dè tha clann san dachaigh agad a’ coimhead air 91Čȱ¬ iPlayer le bhith a’ cleachdadh smachd phĂ rant.

Faigh a-mach mar a tha smachd phĂ rant ag obair

Chan fhaighear taic ach ann am Beurla a-mhĂ in. Duilich mun sin.

Change language: