Main content

le Cathy NicDhòmhnaill

Còmhradh, deasbad, cultar agus cur-seachadan. Conversation, discussion, culture and lifestyle.

Tha a' chompanaidh WH Smith am beachd na ceudan de na bùithtean aca a dihùnadh. Tha an t-eòlaiche-gnìomhachais Coinneach MacMhathain a' toirt sùil air carson, agus air eachdraidh na companaidh.

Tha dealbh de phàidhir stocainnean a bh' aig a' bhàrd Raibeart Burns air mòran aire a tharraing air-loidhne. Dè na rudan as fhasa agus as deuchainniche am fighe agus dè a b' fhaid' a mhair de na rudan a rinn sibh fhèin?

'S i Catrìona Dunn, às an Rubha ann an Leòdhas, cèiliche na seachdain. Bha Catrìona na h-iar-stiùiriche air Roinn an Fhoghlaim aig Comhairle nan Eilean Siar airson iomadach bliadhna; agus 's iomadh sgoilear a theagaisg i ann an Roinn na Gàidhlig ann an Àrd-sgoil MhicNeacail cuideachd.

5 days left to listen

57 minutes

Last on

Wed 29 Jan 2025 22:25

Music Played

  • Gillebrìde Mac'IlleMhaoil

    Oran Nan Stocainnean

    • An Lord Nam Bard (In The Footsteps Of The Bards).
    • Ceol Callan.
    • 11.

Broadcasts

  • Wed 29 Jan 2025 09:00
  • Wed 29 Jan 2025 22:25