le Cathy NicDhòmhnaill
Ciamar is carson a tha DeepSeek, AI Sìonach, air margaidh an teicneòlais a chuir tuathal? How and why has new Chinese AI DeepSeek put tech stocks in a spin?
Ciamar is carson a tha DeepSeek, AI Sìonach, air margaidh an teicneòlais a chuir tuathal? Tha Calum Iain Bartlett eòlach air a' ghnìomhachas agus air a' sgeulachd iongantach sa a th' air iomagain a chuir air companaidhean Ameireaganach.
Cluinnidh sinn mu phrògram Eòrpa na seachdain sa bho Shona NicDhòmhnaill - a' comharrachadh 20 bliadhna bho stoirm bà smhor ann an Uibhist.
Bha Aonghas Lambkin ag obair ann am miseanan cobhair air feadh an t-saoghail son na Dùthchannan Aonaichte - An Congo nam measg. Le cogadh is còmhstri ann às ùr, tha e còmhla ri Cathy airson innse dhith mu na sia turasan a ghabh esan dhan dùthaich - agus an iomagain a th' air daoine sa latha an-diugh.
Bidh sùil is beachd againn cuideachd air dealbh-chluich Snow White ùr a th' anns na taighean-dealbh - chaidh Jenny NicDhòmhnaill ann dhuinne son sùil a thoirt air.
Agus le Farpais Rugbaidh nan Sia Dùthchannan a' tilleadh aig an deireadh-sheachdain, tha Murray MacLeòid a' toirt ro-shealladh dha Cathy air na th' air fà ire.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Tue 28 Jan 2025 09:0091Èȱ¬ Radio nan Gà idheal
- Tue 28 Jan 2025 22:2591Èȱ¬ Radio nan Gà idheal