Main content

le Cathy NicDhòmhnaill

Dè dìreach a tha a' dèanamh biadh Sìonach cho tarraingeach air feadh an t-saoghail? What makes Chinese cuisine so successful all around the world?

Le Bliadhn’ Ùr na Sìneach dha chomharrachadh air an t-seachdain sa gheibh sinn beachd bho thriùir a tha air ùine a thoirt seachad ann an Siona, dè a tha dèanamh biadh Sìonach cho tarraingeach.

Tha Dòmhnall S Moireach a' dèanamh luaidh air am bàrd Èirinneach , Michael Longley, a chaochail an t-seachdin'sa chaidh. B’ ann a Beul Feirste an Èirinn a’ Tuath a bha e, ach bha dlùth cheangal aige ri taobh siar na Gàidhealtachd agus an t-Eilean Sgitheanach.

Nì an ealanaiche, Iseabail Mhoireach lèirmheas air taisbeanadh a tha a' chomharrachadh 100 bliadhna bhon rugadh an ealanaiche Albannach, Bet Low. Tha “An Island On Your Doorstep” ri fhaicinn aig Sgoil Ealain Ghlaschu.

Ann a 1989 ri Margaret Thatcher, a bha na Priomhaire aig an àm, agallamh leis an neach-naidheachd, Brian Walden. Agallamh a tha a cuide de eòlaichean den bheachd a thug am beatha phoileataigeach aice gu crìch . Tha an còmhradh a bha eadar an dithis air ath-chruthachadh as a' phrògram dràma Brian and Maggie a tha ri fhaicinn air seanail 4 . Tha an te-naidheachd, Anna Nicleoid, air sùil a' thoirt air an dà phrògram agus gheibh sinn a beachd air mar a thug an còmhradh seo, a mhair 45 mionaidean, buaidh air Margaret Thatcher agus a' Phartaidh Tòraidheach air fad.

6 days left to listen

57 minutes

Last on

Thu 30 Jan 2025 22:25

Broadcasts

  • Thu 30 Jan 2025 09:00
  • Thu 30 Jan 2025 22:25