Coinneach MacÃŒomhair 11/05/21
Dè a tha cho tarraingeach mu New York mar cheann-uidhe? What is the attraction of New York as a travel destination?
Tha planaichean ann Park Avenue ann an New York a leasachadh agus a stèidheachadh a-rithist mar à ite far a bheil barrachd fà ilte air luchd-coiseachd. Dhuinne ann an Alba, dè a tha cho tarraingeach mu bhaile-mòr New York mar cheann-uidhe? A bheil sinn air a bhith a' bruadar sa bhliadhna a chaidh seachad mu bhith a' gabhail cuairt tro na srà idean ainmeil?
Tha an Dotair Alasdair MacCoinnich a' mìneachadh mar a tha deuchainnean gan dèanamh air lèigheas ùr airson cuid de dh' aillsean, lèigheas air a bheil CAR T-Cell.
Cuideachd, sùil air beatha Rachael Heyhoe Flint a bha na caiptean air sgioba chriogaid Shasainn airson iomadh bliadhna agus a bha am measg na ciad bhoireannaich a bha nam buill de Chluba Criogaid Marylebone. Tha còmhraidhean a' dol airson beatha Bana-bharan Flint a chomharrachadh le leithid ìomhaigh-chloiche air taobh a-staigh crìochan a' chluba ach tha cuid de bhuill a' dol an aghaidh na planaichean. Innsidh Derek MacAoidh dhuinn mun chòmhstrì.
Agus tha Aonghas PÃ draig Caimbeul ag innse mu Mhurt na h-Apainn a thachair air an t-seachdain-sa ann an 1752.
Last on
More episodes
Previous
Music Played
-
Frank Sinatra
New York New York
- Frank Sinatra - The Reprise Years.
- Reprise.
Broadcasts
- Tue 11 May 2021 09:0091Èȱ¬ Radio nan Gà idheal
- Tue 11 May 2021 21:0091Èȱ¬ Radio nan Gà idheal