Main content
Sorry, this episode is not currently available

Coinneach MacÃŒomhair 12/05/21

Mìneachadh air a’ phròiseas ann a bhith a’ glacadh carbon ‘s ga stòradh. Carbon capture and storage process explained.

Air an t-seachdain sa ann an 1941, thàinig Rudolf Hess a-nuas ann am paraisiut ann an achadh faisg air Eaglesham. Cluinnear bho Chalum Iain Bartlett dè bha fàgail fear aig ìre cho àrd sa Phàrtaidh Nazitheach ann an tac deas air Glaschu ‘s e a’ toirt sùil air beatha Rudolf Hess.

Bidh teicneòlas airson carbon a ghlacadh agus a stòradh air a chur a sàs ann an stèisean-cumhachd ann an Ceann Phàdraig ro 2026. Tha seo air fhaicinn mar cheum air adhart ann a bhith a' lughdachadh emiseanan, ach tha cuid a’ gearain nach eil seo a’ dol fada gu leòr. Gheibh sinn beachd Mhurchaidh Mhoirich air dè cho eìfeachdach 's a tha am pròiseas seo.

Chaidh dorsan eaglaisean a dhùnadh, mar iomadach togalach eile, ri linn a' ghlasaidh, ach dè a' bhuaidh a thug seo air coitheanalan, ministearan agus seirbhisean? Dè a chaidh ionnsachadh ri linn nan atharrachaidhean? Cuiridh Coinneach na ceistean sin ma choinneamh triùir luchd-eaglais.

Agus tha an siostam a chaidh a chur an sàs am-bliadhna an àite deuchainnean foirmeil ag adhbharachadh uallach agus iomagain am measg àrd-sgoilearan. Tha gearain a’ tighinn bho sgoilearan, tidsearan agus pàrantan mun dòigh a thathas a measadh na sgoilearan san àrd-sgoil. Cluinnidh sinn bho phàrant agus sgoilear mun iomagain a th' orra.

57 minutes

Last on

Wed 12 May 2021 21:00

Broadcasts

  • Wed 12 May 2021 09:00
  • Wed 12 May 2021 21:00