Main content
Sorry, this episode is not currently available

Coinneach MacÃŒomhair 06/05/21

Dè na cleachdaidhean agus faclan co-cheangailte ri bhith a' buain na mònach? What are the traditions and terminology connected to peat cutting?

Tha diofar chleachdaidhean co-cheangailte ri bhith a' buain na mònach ann an diofar àiteachan, agus measgachadh de dh'ainmean agus facail air na diofar ìrean.
An-diugh tha sinn gu bhith a' coimhead air deisealachadh nam poll agus a’ bhuain fhèin.

Anns a’ chòmhradh tha Pàdruig Moireasdan, a tha a’ cur air dòigh taisbeanadh ann an Griomasaigh air an dòigh thradaiseanta air buain na mònach; Marisa NicDhòmhnaill à Rubha Leòdhais, a bhios a’ buain an uamhas mòine a h-uile bliadhna; agus Calum MacNìll à Barraigh, a tha gu math cleachdte ris na dòighean agus na facail co-cheangailte ri obair na mònach ann am Barraigh.

Cuideachd, tha deasbad mòr a’ dol anns a’ Chuimrigh an-dràsta mu ainmean àite. Chaidh iomairt a thòiseachadh le Comhairliche à sgìre Gwynedd is e airson ainm na beinne Snowdon agus Pàirc Nàiseanta Snowdonia atharrachadh air ais chun nan seann ainmean a bha orra sin bho thus: Yr Wyddfa air Snowdon agus Eryri a thoirt air Snowdonia.

Agus tha Tormod Dòmhnallach a' cur crìoch air an t-sreath Sliochd nan Sonn anns am bi e a' rannsachadh sliochd Ghàidheal a bha ainmeil nan là. An-diugh, Murchadh Dòmhnallach, a bha na Mhaighstir Sgoile ann am Port Rìgh airson faisg air lethcheud bliadhna.

57 minutes

Last on

Thu 6 May 2021 21:00

Broadcasts

  • Thu 6 May 2021 09:00
  • Thu 6 May 2021 21:00