Main content
Sorry, this episode is not currently available

Mar a tha Vietnam air ullachadh airson Kim Jong-Un agus Trump

A bheil Vietnam deiseil son fàilte a chur air Kim Jong-Un agus Trump?
Are the Vietnamese ready to welcome both Kim Jong-Un and Donald John Trump?

Chan fhada gus an tòisich na còmhraidhean eadar Dòmhnall Iain Trump agus Kim Jong-Un ann an Vietnam. Agus tha Coinneach a’ cluinntinn bho Magnus Greumach, a tha a’ fuireachd san dùthaich, mar a tha muinntir na dùthcha deiseil son fàilte a chur air dithis gu math cudromach, ann an dùthaich le eachdraidh gu math buaireanta nuair a thig e gu Ameireaga. Ach cò ris a tha e coltach a bhith a’ fuireachd ann? Innsidh Michelle NicLeòid agus Eilidh NicLeòid mar a chòrd an turasan a Vietnam riuthasan nuair a bha iad thall.

Cuideachd an-diugh, beachd air mar a tha na Dùthchannan Aonaichte air iarraidh air Breatainn na h-Eileanan Chagos a leigeil seachad. Càite a bheil na h-eileanan, agus carson a dh’fhuadaich Breatainn na h-eileanan bhon dachannan o chionn còrr air leth-cheud bliadhna?

Tha Dòmhnall Dòmhnallach a’ mìneachadh na fònaichean ùra a ghabhas an lùbadh agus am pasgadh.

Agus tha Eòghainn Mitchison a’ gabhail sgrìob tro na pàipearan naidheachd agus na meadhanan sa Bhruiseal, is Brexit fhathast na chuspair a tha a’ togail cheistean agus deasbad air gach taobh de Chaolas Shasainn.

bbc.co.uk/Coinneach

57 minutes

Last on

Wed 27 Feb 2019 21:00

Broadcasts

  • Wed 27 Feb 2019 09:00
  • Wed 27 Feb 2019 21:00