Main content
Sorry, this episode is not currently available

Dè tha dol air adhart ann an taghadh na Ucràin?

Carson a tha uiread de throimh-a-chèile anns a’ Ucràin ron taghadh aca?
Why is there so much unrest related to the Ukrainian elections?

Chan e rud ùr a th’ann am buaireadh san Ucràin an-diugh – le cogadh is còmhstri le reubaltaich agus luchd-poilitigs bitheanta gu leòr. Ach tha naidheachdan car annasach a’ tighinn ron taghadh a bhios ann aig deireadh na h-ath mhìos. ’Se fear comadaidh a th’ air thoiseach anns na cunntasan-bheachd, agus tha dithis leis an ìre mhath an aon ainm gu bhith air a bhileag bhòtaidh. Bho chionn dha no thrì bhliadhnaichean nuair a bha i ag obair airson a’ phrògram telebhisean Eòrpa, Choinnich Maureen NicLeòid Yulia Tymoshenko a tha aig cridhe na connspaid a thaobh na h-ainmean agus tha i a’ mìneachadh an t-suidheachaidh dha Coinneach.

Tha iomradh ga dhèanamh air Aonghas “Moy” Dòmhnallach, an duine mu dheireadh a bha beò a rugadh air Heisgeir, agus a chaidh a thiodhlacadh an t-seachdain sa. Chaidh Coinneach air turas còmhla ris a Heisgeir ann an 2007, is an-diugh cluinnidh sibh criomag bheag bhon phrògram a chlàr iad nuair a bha iad nan seasamh san t-seann dachaigh aige air an eilean a tha an-diugh bàn falamh.

Cuideachd an-diugh, tha Dòmhnall MacAonghais agus Catrìona NicChoinnich a’ togail air iomairt ùr airson a bhith a’ cèilidh air seann dhaoine nan dachannan fhèin ann an Leòdhas agus a thèid a chur air bhog a-màireach.

Agus sgrìob dhan tasglann a dh’ èisteachd ri clàr eile ann an cruinneachadh Mhal MhicLeòid. An t-seachdain sa, Feasgar air Chèilidh le Iain Hoddan Dòmhnallach.

bbc.co.uk/Coinneach

57 minutes

Broadcasts

  • Thu 28 Feb 2019 09:00
  • Thu 28 Feb 2019 21:00