Main content
Sorry, this episode is not currently available

Na bha tachairt sa Chiad Chogadh ceud bliadhna an ama seo. Le Gilleasbuig MacDhòmhnaill. Events of the last three weeks in World War One one hundred years ago.

Thòisich Dara Blàr a' Mharne air 15mh den Iuchar 1918, le na Gearmailtich a' toirt ionnsaigh air loidhne na Frainge thairis air 50 mìle, an ear agus an iar air baile Rheims. Bha am batal seo gu bhith air leth cudromach ann an eachdraidh a' Chogaidh. Chaidh bacadh a chur air an ionnsaigh Ghearmailteach air taobh sear Rheims, eadar Prunay agus Massiges. Chun an iar, eadar Coulommes agus Fossoy, bhuannaich Arm na Gearmailt trì mìle gu leth de dh'fhearann is fhuair iad tarsainn air a' Mharne aig Fosse. Innsidh Gilleasbuig MacDhòmhnaill mar a lean cùisean.

Bha artaigil anns an Ross-shire Journal ag innse gu robh còmhraidhean a' dol anns a' Hague eadar riochdairean Bhreatainn is na Gearmailt mu iomlaid phrìosanaich a leigeadh le cuid de na Breatannaich a bha sa Ghearmailt tilleadh dhachaigh.

Agus air an 18mh bhuilich an Fhraing an Croix de Guerre air Anna NicFhionghain, Anna Iain Breabadair à Ròdhag san Eilean Sgitheanach, airson a gaisge mar nurs anns a' chogadh san Fhraing.

Air an t-seachdain mu dheireadh den Iuchar 1918, chaidh aig Arm na Frainge air cùisean fhaighinn air ais gu mar a bha iad mus do thòisich ionnsaigh mhòr na Gearmailt air an t-seachdain ron a seo. Bha am pàtran sin dol a leantainn, air is dheth, gu deireadh a' Chogaidh. B' fheudar dhan Ghearmailt tilleadh air ais tarsainn air a' Mharne aig toiseach na seachdain, a' fàgail a' bhruaich a deas fo smachd na Frainge. Rinn an Fhraing adhartas cuideachd eadar Soissons is Abhainn Ourcq.
Uile-gu-lèir chaidh còrr is 20,000 saighdear Gearmailteach a chur an greim an seo, agus chaidh sealbh fhaighinn air ceithir cheud gunna.

Chaidh an tràlair armaichte, an Locheil, a chur fodha, a rèir coltais le mèinn, far cladach an ear-thuath Shasainn. Chaidh Alasdair Robasdan à Breacais an Eilein Sgitheanaich agus Aonghas Moireasdan, Aonghas Aonghais Thormaid à Ùige Leòdhais, a bhàthadh nuair a chaidh an Locheil fodha. 'S ann le companaidh Dhaibhidh Mhic a' Bhruthainn a bha i agus thug an riaghaltas dhaibh bàta eile na h-àite an dèidh a' Chogaidh.

Ghearain Riaghaltas Sobhietach na Ruis air an 26mh mu mar a chaidh saighdearan o na Co-chòmhragaich a chur air tìr air costa Murman an ceann-a-tuath na dùthcha aca. Bha iad den bheachd nach b'ann airson an cuideachadh a bha seo ach airson cur às dhan Riaghaltas choimiunach aca. Thuirt iad gu robh an gluasad seo, nam beachd-san, co-ionnan ri bhith gairm cogadh nan aghaidh.

Bha Arm nan Co-chòmhragach fhathast dlùth air sàil nan Gearmailteach aig deireadh an Iuchar 1918, agus an ruaig a' leantainn gu tuath air Abhainn Mharne. Bha iad a-nise naoi mìle an ear-thuath air Chateau Thierry. Air an 28mh là chaidh baile Fère-en-Tardenois a ghabhail thairis leotha. Chaidh na h-Ameirigeanaich tarsainn air Abhainn Ourcq air an aon latha, agus ghabh iad sealbh an dèidh sin air ceithir bailtean eile. Beagan an dèidh meadhan-latha rinn an 15th (Scottish) Division, fo chomannd an t-Seanalair Fhrangach Mangin, oidhirp às ùr air baile Buzancy a ghabhail thairis, le taic o na h-aonadan Frangach, Ameirigeanach is Breatannach air gach taobh dhiubh. Bha Buzancy agus an talamh àrd mun cuairt air cudromach ma bha na Frangaich dol a thogail air an adhartas a rinn iad gu seo anns an sgìre. Cluinnidh sinn mar a bha Rèisimeid nan Sìophortach an teas-mheadhan na sabaid le cunntas bhon Lieutenant Alasdair MacThòmais, no Aileagan Sheumais à Tung ann an Leòdhas. Ach chaidh àireamh mhòr de na saighdearan Sìophortach a mharbhadh san t-sabaid.

30 minutes

Last on

Sun 12 Aug 2018 13:00

Broadcasts

  • Mon 6 Aug 2018 12:00
  • Mon 6 Aug 2018 22:00
  • Sun 12 Aug 2018 13:00