Episode 69
Na bha tachairt sa Chiad Chogadh ceud bliadhna an ama seo. Le Gilleasbuig MacDhòmhnaill. Events of the last three weeks in World War One one hundred years ago.
Air 22mh den Ògmhios 1918, bha sgeulachd mu dhithis ghaisgeach à Ìle ann am Paipear an Òbain. Bha an dithis aca nan luchd-faire air cladaichean an eilein agus chaidh urram OBE a bhuileachadh orra airson an obair a rinn iad a' sà bhaladh beatha an dèidh call a' bhà ta Ameireaganach, an Tuscania, sa Ghearran. Sgaoil Crois Dhearg nan Stà itean brath-naidheachd ag innse mar a shà bhail Raibeart Moireasdan às an Odha trì saighdearan Ameireaganach agus mar a shà bhail Donnchadh Caimbeul, cuideachd às an Odha, beatha saighdear a bha an fhairge air a thilgeil suas gu à ite creagach, cunnartach a bha cha mhòr do-ruigsinneach.
Aig sabaid aig Abhainn Piave far an d'fhuair na h-Eadailtich buaidh, tha e air aithris gun tubhairt an Seanailear Gearmailteach Erich Ludendorff an uair a chual' e an naidheachd 'gun do dh'fhairich e airson a' chiad uair gun robh a' Ghearmailt a' dol a chall a' chogaidh. An ath latha, chuir an Rìgh Seòras telegram a' cur meala-naidheachd air Rìgh na h-Eadailt.
Air 27mh den Ògmhios chaidh am bà ta-ospadail Canèidianach Llandovery Castle a chur fodha le bà ta-aigeil far costa na h-Èireann. Am measg an 234 a chaill am beatha, bha Iain MacAnndrais a rugadh ann a Steòrnabhagh ach a bha sa Chogadh còmhla ri seirbheisean meidigeach an airm Chanèidianaich. Bha am bà ta a' tilleadh a Shasainn an dèidh leòintich a thoirt gu Halifax an Alba Nuadh. Mar bu chòir, cha robh a solais air an dubhadh às agus bha Crois Dhearg a' deà lradh gu soilleir air a' bhà ta. Bha sgioba de 258 air bòrd, nam measg ceithir nursaichean deug. A rèir Cùmhnant Hague bha còir aig an nà mhaid bà ta-ospadail a stad 's a sgrùdadh ach cha robh còir aige a cur fodha. Innsidh Gilleasbuig MacDhòmhnail dhuinn mar a thachair.
Bha an suidheachadh truagh anns an robh a' bhean aig Iain MacCoinnich, a bha an urra ri Oifig a' Phuist ann an Ach na Sìne anns a' Highland News air an 29mh den Ògmhios 1918. Cho luath 's a chaidh Iain dhan Fhraing chaidh a bhean a chuir às a dachaigh le uachdaran oighreachd Loch a' Chroisg, Sir Teà rlach Bignold. B' fheudar dhith fhèin 's a piuthar a dhol a dh'fhuireach ann an seann taigh-nighe is obair Oifig a' Phuist a chumail a' dol às a sin. Ach bha Iain a' sabaid air a son.
Bha rabhadh cuideachd sa phà ipear do dh' òstairean. A rèir laghan tìd' a' Chogaidh bha còir aca a h-uile duine a bha a' fuireach bho na cabair aca a chlà radh - is fiosrachadh sònraichte a dhìth - ainm, seòladh, obair is rudan dhen t-seòrsa sin. 'S bha seo gu bhith thugad mur a dèanadh tu e!
Air 5mh den Iuchar, dh'fhoillsich a' Ross-shire Journal, litir a nochd an toiseach anns an John O Groats Journal. Bha D. MacKay Miller, a bha sabaid còmhla ris na h-Astrà ilianaich, air an litir a sgrìobhadh gu phà rantan ann an Inbhir Ùige ag innse mar a thachair e ri fear anns na trainnsichean is dh'aithnich e air blas a chainnt gur e Gà idheal a bh' ann.
Air 7mh den Iuchar 1918 bha an SS Ben Lomond air a slighe eadar Seville sa Spà inn agus Àird Rosain ann an Alba le carago gual. Bha i deich mìle fichead an ear-dheas air Cionn tSà ile ann an Èirinn nuair a chaidh losgadh oirre gun rabhadh sam bith leis a' bhata-aigeil Gearmailteach U-92. Chailleadh trì duine fichead. Agus air an 11mh aig leth-uair an dèidh seachd sa mhadainn chaidh bà ta ùr Ameireaganach, a Westover, a chur fodha le torpedo. B' e seo a' chiad turas aice gu muir bho chaidh a togail, agus bha i air falbh à New York ann an coimheadachd bhà taichean, a' dèanamh air St Nazaire, na tuill aice loma-là n de dh'iomadh seòrsa bathar airson na h-Ameireaganaich a bha sabaid san Fhraing.
Chaidh dà urram a bhuileachadh air fear bhon a' Bhac ann a Leòdhas a bha a' sabaid còmhla ris na Canèidianaich aig toiseach an Iuchar 1918. B' esan Iain Greumach, Iain Aonghais Sheoc, agus fhuair e Bonn a' Mhìlidh agus an Croix de Guerre airson an obair ionmholta a bha e air a dhèanamh bhon thà inig e a-null à Canada. Bha a dhachaigh aig toiseach a' Chogaidh ann a Winnipeg.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Mon 16 Jul 2018 12:0091Èȱ¬ Radio nan Gà idheal
- Mon 16 Jul 2018 22:0091Èȱ¬ Radio nan Gà idheal
- Sun 22 Jul 2018 13:0091Èȱ¬ Radio nan Gà idheal