Main content
Sorry, this episode is not currently available

Na bha tachairt sa Chiad Chogadh ceud bliadhna an ama seo. Le Gilleasbuig MacDhòmhnaill. Events of the last three weeks in World War One one hundred years ago.

Air Diluain 5mh den Lùnastal, mar a chluinneas sinn aig Gilleasbuig MacDhòmhnaill, chaidh an oidhirp mu dheireadh a dhèanamh ionnsaigh a thoirt air Sasainn le soithichean-adhair. Dh'fheuch còig soitheach-adhair ri tighinn tarsainn Caolas Shasainn air feadh na h-oidhche ach an luib droch shìde cha do ràinig gin aca an ceann-uidhe agus chaidh tè dhiubh, L70 an Zeppelin a b'ùire aig na Gearmailteach, a leagail às an adhar. Uile gu lèir chaidh leth cheud sa h-aon ionnsaigh soitheach-adhair a thoirt air Breatainn tron chogadh anns an deach bomaichean a leagail.

Air an 7mh là, thàinig Blàr a' Mharne gu ceann. B' e buaidh chudromach a bha seo dha na Co-chòmhraigich san ionnsaigh mhòr mu dheireadh a bh' aig na Gearmailtich, ach cha b'iann gun phrìs a chaidh a' bhuaidh sin a chosnadh. Chaidh 168,000 Gearmailteach, 95,000 Frangach, 13,000 Breatannach agus 12,000 às na Stàitean Aonaichte a leòn neo a chall. Ach cha b' e sin deireadh an t-sabaid ge-tà oir an lathairne mhàireach, thòisich an dara sreath de bhatail air an Somme. Theirear Ionnsaigh Amiens no Treas Blàr Phicardy ris cuideachd.

Thàinig Blàr Amiens gu ceann air deireadh sheachdain an 10mh 's 11mh den Lùnastal 1918. B' e buaidh chudromach a bh' ann agus am beachd mhòran b' e seo am batal far an do dhrùidh e air na Gearmailtich gun robh iad air an Cogadh Mòr a chall. B' e Amiens a' chiad bhlàr anns an deach ionnsaigh cho-òrdanaichte a dheànamh sa chogadh le gunnachan, tancaichean, feachdan coisridh agus itealan cogaidh uile air an cleachdadh aig an aon àm.

Bha a Highland News a' togail air searmon cumhachdach a rinn an t-Urramach Anndra Dùbhghlas ann an Inbhir Ghòrdain air a' phrìs a bhathas a' pàigheadh airson saorsa. San aon iris nochd pìos bàrdachd Gàidhlig fon ainm Cumha airson Eachann MacLeòid à Sanndabhaig a chaill a bheatha as dèidh dha a bhith air a leòn aig na Dardanelles ann an 1915. B' e bean Iain MhicLeòid à Cnoc Shanndabhaig a sgrìobh na rannan mar chuimhne air a dalta 's cluinnidh sinn cuid dhiubh air aithris.

30 minutes

Last on

Sun 2 Sep 2018 13:00

Broadcasts

  • Mon 27 Aug 2018 12:00
  • Mon 27 Aug 2018 22:00
  • Sun 2 Sep 2018 13:00