Main content
Sorry, this episode is not currently available

15/09/2017

Tha Lena ag innse mu na làithean saora aice ann an ceann a tuath Alba. We hear about Lena's holiday in the north of Scotland. bbc.co.uk/aileag.

Tha Lisa a' toirt thugaibh prògram luma-làn mar as àbhaist. Am measg na h-aice dhuibh an-diugh turas dha na Speuran airson prìomh naidheachd na seachdain.

Na sreathan ùr aig The X Factor agus Strictly Come Dancing.

Tha Lena ag innse mun turas aice gu Fèill an Eilean Duibh agus tha Lisa fhèin ag innse beagan mu eachdraidh na fèille sònraichte seo.

Tha Ashley agus Millie ag innse mu na cur-seachadan acasan agus tha iad gu tùr eadar-dhealaichte.

Agus tha Ceitidh air ais anns a' chidsin agus an t-seachdain 'sa tha i ag innse mar a ni sinn flapjacks. bbc.co.uk/aileag.

57 minutes

Last on

Sat 16 Sep 2017 12:00

Music Played

  • Hailee Steinfeld & Alesso

    Let Me Go (feat. Florida Georgia Line & Watt)

    • Let Me Go.
    • 001.
  • Little Mix

    Wings

    • Dance Hits August/September 2012.
    • CD Pool.
    • 1.

Flapjacks

³Ò°ùì³Ù³ó±ð¾±»å±ð²¹²Ô

50 grama ìm agus rud beag a bharrachd airson tiona a chòmhdach

2 spàin siorap maple

2 bhanana abaich

100ml uisge goileach

1 ubhal air a rùsgadh agus air a sgrìobadh gu mìn

250 grama coirce

150 grama measan measgaichte tioram

50 grama sìol measgaichte

¶Ùò¾±²µ³ó

1. Teasaich an àmhainn gu 160C/140C fan/gas 3. Crèis agus lìon tiona le pàipear bèicearachd.

2. Teasaich an t-ìm agus an siorap maple ann am pana bheag gus an leagh e.

3. Pronn na bananas, an t-ubhal agus cur ris an 100ml uisge goileach. Measgaich còmhla.

4. Còp an coirce, na measan measgaichte tioram agus an sìol measgaichte ann am bobhla mòr.

5. Dòirt am measgachadh banana agus ubhal còmhla ris na grìtheidean tioram agus measgaich.

6. Còp am measgachadh sin dhan tiona agus sgioblaich am mullach gus a bheil e rèidh.

7. Cuir seo dhan àmhainn airson caogad ‘s a còig mionaidean.

8. Fàg e greis bheag airson fuarachadh mus geàrr thu e na dhusan pìosan.

9. Cùm ann an soitheach dìonach e, agus mairidh e trì latha anns am frids.

Broadcasts

  • Fri 15 Sep 2017 14:00
  • Sat 16 Sep 2017 12:00