Main content
Sorry, this episode is not currently available

22/09/2017

Tha Cailean, Ceitidh agus Alasdair ag innse mu na làithean saora aca ann a' Florida. We hear about Cailean, Ceitidh and Alasdair's trip to Florida.

Tha Lisa a' toirt thugaibh prògram loma-làn mar as àbhaist. Am measg na h-aice dhuibh an-diugh: tha Cailean, Ceitidh agus Alasdair ag innse mu na làithean saora aca ann an Florida, cluinnidh sinn mu farpais Dealbh Beò an t-Samhraidh aig FilmG, bidh sgoilearan bho air feadh na dùthcha ag innse dhuinn mu na cur-seachadan ciùil aca agus tha Ceitidh air ais anns a' chidsin agus an t-seachdain sa tha i ag innse mar a nì sinn Crispie Pops.

57 minutes

Last on

Sat 23 Sep 2017 12:00

Crispie Pops

³Ò°ùì³Ù³ó±ð¾±»å±ð²¹²Ô

20 grama ìm

150 grama marshmallows gheal

175 grama crispies bracaist

100 grama teòclaid geal air a leaghadh

Sprincealan agus measan tioram

Maidean beaga airson cèic

¶Ùò¾±²µ³ó

Leagh an t-ìm ann am pana mòr, cuir na marshmallows ann agus measgaich iad còmhla gus an leagh na marshmallows agus an t-ìm.

Tog am pana far an teas agus cuir na crispies bracaist ann. Buail a h-uile sian ri chèile gus a bheil na crispies air an còmhdach.

Le do làmhan glan, dèan buill bheaga dheth. Fàg iad gus an cruadhaich iad.

Leagh an teòclaid ann am bobhla a tha freagarrach airson microwave.  Stob nam maidean ann am beagan dhen teòclaid, cuir an uairsin na pops orra - cumaidh an teòclaid na pops air na maidean.

Sgeadaich na pops le tuilleadh teòclaid, sprincealan agus nam measan tioram.

Broadcasts

  • Fri 22 Sep 2017 14:00
  • Sat 23 Sep 2017 12:00