08/09/2017
Tha Ceitidh air ais anns a' chidsin airson Unicorn Bark a dhèanamh. Katie is back in the kitchen making Unicorn Bark. bbc.co.uk/aileag.
Air prògram na seachdain 'sa tha Lisa a' bruidhinn ri Annabel bho sgioba Dè a-nis? mun t-sreath ùr aca.
Tha Maria à Glaschu ag innse mun chur-seachad as fheàrr leatha.
Bha co-oghaichean Holly agus Freya anns an Spàinn airson na làithean saora aca. Cluinnidh sinn mar a chaidh dhaibh agus beagan a bharrachd mu na h-àiteachan fhèin cuideachd.
Naidheachd mhòr na seachdain còmhla ri Coinneach.
Agus tha Marie ag innse mu chuid de na boireannaich chliùiteach a tha a-nochdadh air an liosta 91ȱ 100 Women.
Last on
Music Played
-
Justin Bieber & ǴǻʴDZ®
Friends
- Friends.
- 001.
-
WALK THE MOON
Shut Up And Dance
-
Clean Bandit
Symphony (feat. Zara Larsson)
- Symphony.
- Atlantic.
- 001.
Reasabaidh – Unicorn Bark
Ұìٳ:
Trì cheud grama seòclaid geal air a bhriseadh na phìosan
Dathan bìdh – (pinc, dearg, buidhe etc)
1 – 2 spàin-tì de “hundreds & thousands”
1 spàin-bùird mìlseanan jelly
4 spàinean-tì - marshmallows bheag
Feumaidh sibh ceithir diofar bobhlaichean airson an reasabaidh seo.
ò:
1. Roinn na grìtheidean ann an ceithir diofar bobhlaichean.
2. Teasaich an seòclaid ann am bobhla freagarrach airson microwave airson trithead diog gus an leagh e agus measgaich. No faodaidh sibh an seòclaid a chur ann am bobhla glainne air uachdar pana le uisge teth gus an leagh e. Dèan cinnteach gu bheil inbheach còmhla ribh airson seo a dhèanamh.
3. Dòirt an seòclaid eadar na ceithir bobhlaichean.
4. Dòirt rud beag de na diofar dhathan anns gach bobhla.
5. Lìnig treidhe le pàipear bèicearachd.
6. Tòisich air na diofar dathan seòclaid a dhòrtadh air an treidhe coltach ri lòin bheag.
7. Tòisichidh na lòin bheaga air tarraing còmhla gus a bheil e na aon lòn mhòr.
8. Le maide tana cocktail no skewer gluais an seòclaid ann an cearcaill. Dèan cinnteach nach measgaich thu e cus mas tèid e na aon dath.
9. Crath an treidhe bho thaobh gu taobh gus an sgaoil an seòclaid air fheadh.
10. Sgeadaich e leis na mìlseanan jelly, na hundreds and thousands agus na marshmallows.
11. Fàg ann an àite fuar gus an cruadhaich e. Tha e nas fheàrr fhàgail fad na h-oidhche.
Mairidh e anns am frids airson seachdain.
Broadcasts
- Fri 8 Sep 2017 14:0091ȱ Radio nan Gàidheal
- Sat 9 Sep 2017 12:0091ȱ Radio nan Gàidheal