Main content
Sorry, this episode is not currently available

30/07/2014

Carson a tha inbhich òga a' fuireach aig an taigh còmhla rim pàrantan? Why are young adults continuing to live with their parents?

Tha barrachd 's barrachd inbheach a' fuireach aig an taigh còmhla rim pàrantan ach carson a tha seo? An e dìreach airgead a-mhàin as coireach? Bidh triùir a' deaspad mun chuspair.

Bidh Shona NicGhilleFhaolain air ais le sreath ùr 's i gu bhith a' coimhead air diofar dhoighean airson beatha nas fhallaine fhaighinn. Às dèidh dhi a bhi meadhanach le endometriosis airson greis, thug seo oirre mòran rannsachaidh a dheànamh air na diofar rudan a dh'fhaodadh i deànamh airson a bhith nas fhallaine. 'Se biadh a' chiad rud air am bith daoine a' coimhead nuair a bhios iad airson atharrachadh sam bith a dhèanamh. Bidh Shona ag innse mu na rudan a tha ag obair dhise.

Cuideachd, bheil e ceart gu leòr a bhith a' cleachdadh an eadar-lìon airson "self-diagnosis" an àite a bhi a' dol dhan dotair? Bruinnidh sinn ri triùir le beachdan eadar-dhealaichte.
Ceòl bho David Gray agus Andras Pokorny.

1 hour, 27 minutes

Last on

Wed 30 Jul 2014 12:03

Litir chun an t-Saighdeir Gun Ainm

A Dhòmhnaill Chòir,


Bha Ruairidh airson 's gun sgrìobhainn thugad agus beagan innse dhut mu na tha dol aige fhèin na làithean-sa. Bidh e seachd Disathairne, mar a tha fhios agad. Thuirt mi ris gum biodh tu duilich nach biodh tu ann a-rithist am-bliadhna. ’S e gille laghach, èasgaidh a th' ann na làithean-sa, caran coltach riut fhèin, daonnan deònach taic is cuideachadh a thoirt dhuinn uile. Chan eil a’ ghruag idir cho bàn is a b’ àbhaist dhi bhith agus tha e nas àirde na bhiodh tu an dùil son gille cho òg.


Thadhail Calum Eàirdsidh oirnn an latha roimhe. Dh’iarr Ruairidh stiùireadh a thoirt dha air an fheadan. Bha Calum Eàirdsidh gu math foighidneach leis agus chòrd e rium a bhith ag èisteachd riutha. Tha Ruairidh air a bhith a’ cluich an fheadain gu dìcheallach gach latha. Tha e airson 's gun tadhail sinn air Calum Eàirdsidh a-màireach agus rudeigin eile ionnsachadh. Bidh e fada nas fhasa nuair a thilleas tu fhèin is gun tèid agad air ionnsachadh thu fhèin. Ach co-dhiù, tha sinn uile toilichte gu bheil ùidh aige ann an ceòl na pìoba. Bidh e math pìobaire eile a bhith againn san teaghlach.


Thug mi sìos dhan a’ bhàgh e an-dè, is mi a’ feuchainn ri snàmh ionnsachadh dha mar a dh’ionnsaich thu fhèin dhomh. Chan eil an cothrom tric againn eadar an droch shìde agus cho trang ’s a tha mi fhèin. Tha mi an dòchas gum bi e cofhurtail snàmh air ais is air n-aghaidh ro dheireadh an t-samhraidh ach chì sinn mar a thèid leis. Cumaidh sin sàbhailt’ e. Dh’iarr e orm innse dhut gun còrdadh e ris snàmh còmhla riut nuair a thilleas tu.


Tuigidh e beagan mun chogadh a-nis agus ceistean gu leòr aige mun ghnothach. Cuid mhath dhiubh sin nach tèid am freagairt. Bidh mi a’ seachnadh bruidhinn mun chogadh ro thric leis. Le gach naidheachd a thig on chogadh, tha fìrinn ur suidheachadh a’ tighinn am bàrr mean air mhean. Cha chreid mi gum biodh e freagarrach dha làn thuigse fhaighinn air cho duilich ’s a tha cùisean.


Feumaidh mi ràdh gu bheil mi gad ionndrainn gu mòr. Bha thu daonnan deònach èisteachd rium nuair a bha iomagain orm agus bha deagh chomhairle a-riamh agad.


Tha sinn uile an dùil gum bi an teaghlach air fad cruinn còmhla ann an ùine nach bi ro fhada.


Bhiodh e math cluinntinn bhuat ma thig an cothrom.


Chun an latha a bhios sinn còmhla, gach beannachd ort.

Broadcast

  • Wed 30 Jul 2014 12:03