Main content
Sorry, this episode is not currently available

31/07/2014

Naidheachdan, deasbad, ceòl, is cur-seachad aig àm bìdh Cathy NicDhòmhnaill.
Lunchtime News, debate, music and entertainment Cathy MacDonald.

1 hour, 27 minutes

Last on

Thu 31 Jul 2014 12:03

Litir chun an t-Saighdeir Gun Ainm

Haidh a charaid,


Beannachdan às an àm ri teachd.


Tha e doirbh a chreidsinn gu bheil ceud bliadhna air a bhith ann bhon Chogadh Mhòr. Ged a rugadh mi trì fichead bliadhna às dèidh a' chogaidh, bha e daonnan a' faireachdainn nas fhaisg'. Agus tha deagh chuimhne agam air tòrr dhaoine a bha an-sàs ann an Cogadh eile ginealach às do dhèidh.


Dè an obair a bh' agad agus cò às a bha thu? A bheil thu a' tuigsinn carson a tha thu an-sin - carson a tha thu nad shaighdear an àite a bhith ag obair anns an fhactaraidh no air a' chroit no anns an oifis?


Chan eil mise a' tuigsinn.


Dh’ionnsaich mi mun Chogadh Mhòr anns an sgoil agus anns an Oilthigh agus fiù 's às dèidh sin, tha e doirbh dhomh tuigsinn carson a thachair an cogadh. Streath de cheumannan beaga fada air falbh, a dh'adhbhraich bàs, dòrtadh fala is briseadh cridhe air feadh na Roinn Eòrpa.


Saoil a bheil e nas miosa a bhith a' sabaid is a' bàsachadh ann an cogadh gun mòran adhbhar follaiseach air a shon na bhith, can, nad shaighdear ann an cogadh a thachair air adhbharan a bha furasta a thugsinn aig gach taobh, mar Chogadh na Saorsa ann an Ameireagaidh, no Cogadh na Saorsa ann an Èirinn mar eisimpleir.


Ann an dòigh, tha e ga dhèanamh gu math doirbh a bhith a' cuimhneachadh air a' chogadh is a bhith a' comharrachadh nan daoine a shabaid is a chaidh a mharbhadh sa Chogadh Mhòr, nach eil? Ciamar a bheir sinn urram do na saighdearan a bha dìleas gu bàs agus do na teaghlaichean aca ann an dòigh nach toir urram do chogadh fhèin? Agus ciamar a nì sinn e ann an dòigh a nì rudeigin gus dèanamh cinnteach nach tachair a leithid a-rithist?


Dè do bheachd fhèin? Tha e furasta dhòmhsa a bhith beachdachadh air a' chùis, ach 's tu a bha thall is a chunnaic.


Ceud bliadhna bhon Chogadh, bidh mi a' cuimhneachadh ortsa, saighdear àbhaisteach agus caraid, mac, bràthair no athair, seach air na Rìghrean is Tsàran is Caisearan. Sìth gun robh maille riut! 


Alasdair

Broadcast

  • Thu 31 Jul 2014 12:03