Main content
Sorry, this episode is not currently available

29/07/2014

Dè cho cudromach 's a tha ìomhaigh airson luchd-poileataigs? How important is a politician's image? bbc.co.uk/feasgar.

Meadhan an t-samhraidh a th' ann, is tha tòrr dhaoine thall thairis an-dràsta air làithean-saora. Ach dè na rudan a tha sinn ag ionndrainn nuair a thèid sinn thall-thairis? Gheibh sinn beachdan bho Mhàiri NicLeòid, Fiona Rennie, Kirsty Rothach agus Lindsey Charnley.

'S e bliadhna shoirbheachail a th' air a bhith aig telebhisean dràma Breatannach gu ruige seo, is sinne a' feuchainn ri cumail suas ri prògraman telebhisean nan Stàitean Aonaichte. An urrainn dhuinn farpais leotha nuair a thig e gu prògraman ùra telebhisean a chruthachadh? Feuchaidh Jennifer NicDhòmhnaill, Robbie NicLeòid is Sìne NicLeòid a' cheist a fhreagairt.

Cuideachd, thuirt Ed Miliband an t-seachdain sa chaidh nach urrainn dhan ìomhaigh aige a bhith nas fheàrr na ìomhaigh Dhàibhidh Chamshron. Dè cho cudromach 's a tha ìomhaigh airson luchd-poileataigs co-dhiù? bbc.co.uk/feasgar.

1 hour, 27 minutes

Last on

Tue 29 Jul 2014 12:03

Litir chun an t-Saighdeir Gun Ainm

A Chaluim, no a Sheumais, no ge air bith dè ’n t-ainm a bh’ ort dha rìribh…


Bha dùil agam gun sgrìobhainn litir thugad. Chan eil eòlas agad ormsa idir, ged is dòcha gun robh eòlas agad air feadhainn dhem chuideachd. Tha mu cheud bliadhna air a dhol seachad bho chaill thu do bheatha sa Chogadh Mhòr. Agus ’s gann gun aithnicheadh tu an saoghal sa bheil mise a’ fuireach an-diugh.


Tha mòran ann a tha an t-aon rud, gun teagamh. Tha a’ mhuir ’s a’ ghaoth fhathast a’ slacadh tràighean an eilein. Tha a’ mhòinteach fhathast a’ sgaoileadh a-mach air cùlaibh nam bailtean ’s na h-uiseagan a’ seirm san adhar san t-samhradh. Fiù ’s nach eil cuid de na togalaichean mar a bha iad nuair a bhiodh tu fhèin a’ coiseachd a-mach ’s a-steach asta nad òige.


Ach thàinig atharrachaidhean. Tha na coimhearsnachdan air fàs nas laige. Gu tric, chan eil daoine a’ bruidhinn ris an fheadhainn a tha a’ fuireach an ath dhoras, ged a tha e an comas dhuinn a-nis a bhith a’ bruidhinn ri daoine air taobh thall an t-saoghail ’s sinn a’ coiseachd sìos an t-sràid. Tha cabhag oirnne tòrr dhen tìde, ’s chan eil an-còmhnaidh cus adhbhar ann air a shon. Tha an talamh bàn far an robh coirce is eòrna agus buntàta uaireigin. Chan fhaicear goc feòir, ’s gann gu faicear fiù ’s cruach na làithean sa, ’s tha na feannagan fuar, falamh.


Bha dùil agaibh nach biodh cogadh den t-seòrsa san do shabaid sibhse ann gu bràth tuilleadh. ’S beag a bha fios agaibh gum biodh fear eile ann an ceann còrr is fichead bliadhna, agus gun tigeadh iomadh fear eile a sgaoileadh fuil ar n-òigridh air raointean cogaidh fad is farsaing.


Ach chan eil mi airson a bhith cus ro dhòrainneach. Ged a tha cogaidhean air a bhith ann, tha sinn saor, agus tha sin gu mòr an urra riut fhèin agus do leithid. Tha ar cànan fhathast beò, agus Goill agus Gàidheil le chèile ga bruidhinn no ga h-ionnsachadh. Tha a’ mhòr chuid againn a’ fuireach ann am beairteas nach biodh e comasach dhut gabhail a-steach. Buinidh barrachd agus barrachd den dùthaich againn dhan t-sluagh fhèin, an àite a bhith le uachdarain, agus tha cothroman ann dha ar clann air nach robh guth fiù ’s nuair a bha mi-fhèin a’ fàs suas. Tha sinn air teicneòlas a chleachdadh airson mìorbhailean a dhèanamh. Chaidh stad a chur air iomadh tinneas, agus, mas e do thoil, ’s urrainn dhut an taigh fhàgail sa mhadainn agus a bhith ann an Ameireagaidh ro àm dinneir. Tha duine no dhithis ann a tha air an casan a chur sìos air uachdar na gealaich. Bhiodh e duilich dhut creidsinn na h-innealan a th’ againn, fiù ’s an rud a tha mi a’ cleachdadh airson seo a sgrìobhadh thugad ’s mi nam shuidhe a-muigh sa ghàrradh.


Chan e gu bheil sin gu diofar dhutsa. Cha chluinn thu na facail seo agus chan fhaic sinn a chèile mura coinnich sinn ann an glòir. Ach bha mi fhathast airson taing a thoirt dhut airson na rinn sibh: airson an t-saorsa a bhuannaich sibh, airson an t-saoghail a chruthaich sibh agus airson an dìleab a dh’fhàg sibh. Agus bha mi airson gun innsinn dhut, ge bith dè thachras, nach dìochuimhnich sinn gu bràth sibh.


Leis gach beannachd, spèis agus urram,


Iain

Broadcast

  • Tue 29 Jul 2014 12:03