Rinn sinn ùrachadh air ar poileasaidh mu phrìobhaideachd is »åà ³Ù²¹-²ú°ù²¹²ú³ó²õ²¹¾±°ù
Rinn sinn atharrachadh cudromach air ar poileasaidh mu phrìobhaideachd is »åà ³Ù²¹-²ú°ù²¹²ú³ó²õ²¹¾±°ù agus tha sinn airson tuigse a bhith agaibh dè tha sin a' ciallachadh dhuibhse agus dhan dà ta agaibh.
Clarke: Chluich sinn mar a bha sinn an dùil cluiche
"Thill sinn gu là idir às dèidh oidhche dhuilich", thuirt Steve Clarke, à rd-choidse na h-Alba. Faclan sìmplidh ach 's e an fhìrinn a th' aige.
Bha gu leòr mì-chinnt ann am measg an luchd-taice às dèidh an droinneadh chruaidh a thug a' Ghearmailt do dh'Alba oidhche Haoine leis an sgòr, 5-1, agus le cho lag 's a bha an sgioba.
Bha an luchd-taice ag iarraidh barrachd lùths, misneachd agus cinnt sa phlana aca an aghaidh na h-Eilbheis agus a rèir a' mhòr-chuid, bha siud ann oidhche Chiadain.
Chrìochnaich e le tadhal an urra, a' ciallachadh gu bheil iad "beò fhathast" san fharpais le coltas ann gun tèid iad troimhe chun na h-ath chuairt ma bhuannaicheas iad an aghaidh na h-Ungaire Didòmhnaich.
"Seo mar a tha sinne a' cluich"
"Bidh na cluicheadairean a' faireachdain fada nas fheà rr a' dol a-steach dhan gheama seo às dèidh dhaibh cluiche cho math 's a chluich iad," thuirt Steve Clarke.
"Seo mar a tha sinne a' cluich agus a bharrachd air ar oidhirp chruaidh, 's urrainn dhuinn cluich.
"Nuair a chùm sinn am bà la air an talamh, chruthaich sinn cothroman.
"Chruthaich an Eilbheis cothroman cuideachd agus saoilidh mi gur e deagh gheama a bh' ann do dhaoine a' coimhead - dhomhsa bha mi nearbhasach agus dòchasach aig amannan."
"Rinn sinn na bha a dhìth oirnn, tha sinn fhathast beò san fharpais agus 's e sin an rud as cudromaiche," thuirt Clarke.
Beachd nan cluicheadairean
Bha gu leòr dhen luchd-taic a' cà ineadh mar a chluich iad an aghaidh na Gearmailte ach dh'aidich Clarke agus na cluicheadairean aige gun robh iad goirt agus gun robh an là no dhà às dèidh a' gheama doirbh dha-rìribh.
Bha e follaiseach oidhche Chiadain gun do dh'ionnsaich iad leasan no dhà agus gur e faochadh a bh' ann dhaibh fhèin le mar a chluich iad.
"Thà inig sinn far na pà irce a-nochd a' faireachdain gun do ghabh sinn an cothrom cluiche agus 's dòcha gun robh cothrom againn an geama a bhuannachadh," thuirt cluicheadair Celtic agus Alba, Calum MacGriogair.
"Chaidh sinn aghaidh ri aghaidh le sgioba là idir, rinn sinn cùisean mì-chofhurtail dhaibh agus bha deagh oidhche againn air sgà th sin.
"Seo toiseach na buidhne againn dhuinne. Feumaidh sinn a dhol a-steach dhan gheama an aghaidh na h-Ungaire là n misneachd gun urrainn dhuinn an geama a bhuannachadh agus nam b' urrainn dhuinn sin a dhèanamh, 's e rud eachdraidheil a bhiodh ann.
Am fear a fhuair an tadhal
Chuir Scott McTominay gu leòr thadhal sna cuairtean dearbhaidh 'son Euro 2024, seachd dhiubh, ach b' e an tadhal a fhuair e oidhche Chiadain a' chiad tadhal aige san fharpais a-riamh.
Siud dìreach an treasamh tadhal aig cluicheadair Albannach sam bith san fharpais bhon a bhuannaich iad an geama mu dheireadh aca ann, ann an 1996 an aghaidh - cò eile - na h-Eilbheis.
"Tha deagh lùths anns an sguad againn agus tha siud a' ciallachadh gun urrainn dhuinn tòrr chuideim a chur air sgiobaidhean eile," thuirt Scott McTominay.
"Tha mi a' faireachdain gun robh siud air leth cudromach dhuinn a-nochd a thaobh a bhith a' faighinn là mh an uachdair trà th sa gheama agus oidhche nan Eilbheiseach a dhèanamh doirbh.
"Ma leanas sinn oirnn leis an acras, a' mhiann agus a' chinnt gun urrainn dhuinn a' chùis a dhèanamh air na h-Ungairich, nì sin e," thuirt McTominay.